DUILLEAG GU GAIDHEIL CHANADA
Conaltradh eadar Coire-Chuinnlidh agus Ian Bàn, aig Féill Phort-Righ, an uair a bha Ian a’ reic a chuid spreidh a chionn nach ceadaichteadh dha fuireach anns an fhearann.
Bho’n a gheall mi dhuibh an uiridh,
Gun cuirinn tuilleadh ris an t-seanchus,
’N uair ghabh mi slàn le Diùc Chatabh,
’S leis na gaisgich tha ga leanmhainn;
Bheir mi, facal air an fhacal,
Thuigeas cuid cho math ri searmoin,
Conaltradh aon uair a thachair
Eadar m’athair ’s dròbhair ainmeil.
’N uair a ràinig mi Port-Rìgh,
Gun d’ thàinig caochladh air an àite;
’S tric a sheas mi air an Fhéill
A’ reic na spréidh le m’athair gràdhach;
’S ’n uair a thigeadh Coire-Chuinnlidh
’S a chuid uilnean troimh a chòta—
“Ciamar tha thu ’n diugh, Iain Bhàin,
’S a bheil an spréidh ’s an t-àl an òrdugh?
Fhreagair m’athair mar a b’àbhaist,
Ann an càirdeas ri luchd-eòlais—
“Chan aobhar-gearain mar a thà mi,
Tha mo shlàinte mar is còir dhi;
Tha aon nì a tha ga m’ chràdhadh,
An-iochd is àrdan dhaoine mòra,
Toirt an fhearainn bho luchd-àitich,
’S nach fhaigh sinn liad sàil ar bròige.”
COIRE-CHUINNLIDH.—
’S duilich leam do chor, Iain Bhàin;
An d’ fhuair thu ’m bàirligeadh le òrdugh?
Innis dhòmhsa, ’s na gabh tàmailt,
Ma ’s e ’m màl tha cur na tòir ort;
’S ged nach ’eil na prìsean àrd,
Gun toir mi ’n dràsta na do dhòrn duit
Fichead not ’s gun dean thu phàidheadh;
So mo làmh nach iarr mi gròt ort.
IAN BAN.—
Tapadh leat, a Choire-Chuinnlidh,
Tha thu caoimhneil mar bu chòir dhuit;
’S iomadh not a rinn mi chùnntadh
Riut o’n thionndaidh thu na d’ dhròbhair;
Chan e dìth creideis no airgid,
Taing do’n t-Sealbh, tha cur na tòir’ orm,
Ach uachdaran truagh gun eanchainn,
A reic ri sealgairean ar còir dheth.
COIRE.—
’S ann mar sud tha chùis a’ tionndadh
Feadh na dùthcha le cuid mhòr dhiubh;
Amadain gun cheann gun sùilean,
’S iad an dùil gu bheil iad seòlta;
Ma bheir Sasunnaich dhaibh iùnnas,
Cosdaidh iad an lionn ’s an ròic e;
Suas do Lunainn bheir iad sùrdag,
’S cha sguir iad fhad’s bhios crùn na ’m pòcaid.
IAN.—
’S nach ’eil fàistneachd Choinnich-Uidhir
Tigh’nn gu fradharc air gach làimh dhinn,
’S ged tha cuid a’ cur na aghaidh
Le foighidinn gum faic sinn ceann air—
“ ’S e peirceall na caorach Gallda
Chuir an crann air cùl na còmhla;”
’S coisichidh sinn latha samhraidh
Measg nan gleann ’s chan fhaic sinn ceò ann
COIRE.—
’S ann tha sin na aobhar-mulaid,
’S an cunnart gun tig na Frangaich,
’S ged bheireadh iad oirnn turradh
Chan ’eil duine chumas thall iad;
’S an àite nan leòghann sgairteil,
A chum riamh fo smachd ar naimhdean,
’S e chì sinn a nis ann caisteil,
Féidh, is glasaichean, is faingean.
IAN.—
Ged thigeadh Turcaich agus Frangaich,
Gur iad ceannardan a b’ fheàrr oirnn,
Na cuid de dh’uachdaranan aingidh
Tha cur ar cloinne thar an t-sàile;
’S ged a chuireadh iad an ceann diùbh
Cha bu mhór an call do phàirt e,
’S mi nach seasadh anns an aimhreit
Ged thigeadh iad a nall am màireach.
COIRE.—
Beannachd leat a nis, Iain Bhàin,
Bho’n lìbhrig thu dhomh ’n t-àl ’s am meanbh chrodh;
’S mi tha duilich air do chàramh,
’S toiseach is ceann-fàth do sheanchuis;
Ach tillidh fhathast sliochd nan àrmunn,
Daoine càirdeil, làidir, calma,
’S bidh na glìnn ud air an àiteach,
’S c’àit ’m bì ghràisg a chuir air falbh iad!
IAN.—
Beannachd dhuit, a Choire-Chuinnlidh,
Chuir thu aoibhneas orm le d’ fhàistneachd,
’S ged nach faiceamaid a chaoidh e,
Bu mhath leinn ar clann bhith tàmh ann;
Chan ’eil ceàrna anns an t-saoghal
An robh leithid a ghaol ’s a chàirdeas
’S a bha ’s na h-eileanan tuathach,
Far an d’ fhuair sinn òg ar n-àrach.
* * * * * *
Aontaicheam le briathran m’ athar,
Bu mhath ’s an rathad roimh an t-strainsear,
Mar b’ àbhaist do luchd ar dùthcha,
Gun chaomhnadh air biadh no annlan;
’S ged a tha mi ’n dràst an Glaschu,
Is lobht is aitreibh mu mo chiùnn ann,
B’ fheàrr leam gu mòr a dhol dachaidh
Chur criadh’ is chlachan anns an ùrlar.
title | Duilleag gu Gaidheil Chanada |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |