[134]

ORAN DO THEARLACH FRISEAL MAC-AN-TOISICH

An uair a bha e a’ strith gu dol a stigh do’n Phàrlamaid air son na ciad uaire, anns a’ bhliadhna 1874.

LUINNEAG:—

Nis o’n tha cliù na Gaidhlig
Tigh’nn an àird am measg nan -ghall,
’S e’n Gàidheil coir is fheàrr leam
A thoirt pailteas àite ’s rùin di.

Tha Cluainidh is Sir Padruig
A’ cur fùilt oirre le’n ùghdar,
’S Sir Coinneach ann an Geàrrloch,
’G òl a slàinte le luchd-dùthcha.

Thainig fios an dràsta
Bho’n a’ Bhàn-righ le luchd-iùmpadh,
Nach caidil cuid ’s a’ Phàrlamaid,
Gu’n dean iad càch a dhùsgadh.

Ach ’s aithne dha gach àrmunn
A tha tàmh aig Clach-na-Cùdainn,
Co nise ’n taobh is blàithe dhi,
Is gaoth a’ Mhàrt tigh’nn dlùth dhi.


[135]

Bha Rathaig Mòr mar thà agaibh,
Is gheall e àdh na Cùdainn,
’S chan fhaicteadh dad de làrach
Ach a pàisdean a’ ruith rùisgte.

Bha Cheapach uair na fàsach,
Is a càirdean uile tùrsach,
Ach ni i nise gàirdeachas,
’S a bàrd a’ dol a dhùsgadh.[Mr. Fraser-Mackintosh had erected a monument to Ian Lom, the Keppach Bard, about this time.]

’S e fear le cuid is tàlantan
Is mòran gràidh dha dhùthaich,
’S gun cuir sinn e do’n Phàrlamaid,
Gu seasamh pàirt ar dùthcha.

Chuir thu onair àraidh
Air na bàird ’s gun seinn iad cliù dhuit;
’S air son do speis ’Phrionns Teàrlach,
Gheobh thu càirdean mu na Chùdainn.

Na’m biodh cuid a làthair
Dhe na bàird a bha san dùthaich,
Gun deach do chliù ’s do thàlantan
A thàirng’eadh ris a’ Chùdainn.

Chan urrainn domhs’ an àireamh,
Bho nach bàrd mi chaidh a chùinneadh,
Ach léughaidh sibh na pàipearan,
Is ni sibh ’n àird an cùnntas.


[136]

Bheir Farrais uile ’n bhota dhuit,
’S gach aon le ’n deòin an dùthaich,
’S chan fhaigh sinn fear cho òrdail riut
Gu seasamh còir na Cùdainn.

Tha onair agus mòralachd
Bho d’chòtasa ga ghiùlan,
’S tu Friseal Mac-an-Tòisich,
’S math do choir air Clach-na-Cùdainn.

Tha thu gealltainn mar a b’ àbhaist duit,
Gun seas thu pàirt na Cùdainn;
Ma bheir a clann an làmh dhuit,
Cha bhi ’fàrdaichean gun smùid dhiubh.

Tha cuid a dh’fhuiling tàmailte
Is tàir aig Clach-na-Cùdainn,
’S ma gheobh thu stigh an Phàrlamaid,
Bidh pàirt dhiubh gheobh an dùrachd.

Beannachd leibh, a chàirdean,
Gu ma slàn a thig am fiùran,
’S gun toir sinn uil’ ar làmh dha,
’G òl a shlàint aig Clach-na-Cùdainn.

titleOran do Thearlach Friseal Mac-an-Toisich
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page