[137]

CAITHREAM-BHUAIDH.

An uair a chuireadh Mr. Teàrlach Friseal Mac-an-Tòisich an Phàrlamaid a’ chiad uair, anns a’ bhliadhna 1874.

AIR FONN:— “Mur bhith an crodh cha ghabhainn thu.”

Nis seinnibh cliù nan àrmunn
Chuir am blàr aig Clach-na-Cùdainn,
Gun chlaidheamh thoirt a sgàbard,
Ach le’n tàlantan ’s le’n dùrachd.

Cha robh bristeadh chnuac ann,
’S cha robh spuacadh leis na dùirn ann,
Ach teang’ is peann ga ’m fuadachadh,
Na’n cruachan, bho na Chùdainn,

’N uair fhuair a clann an còraichean,
’S gu leòir aca de dh’ fhùdar,
’N uair dh’ fhosgail iad an bhòlaidh,
Chuir iad Rathaig Mhòr na smùid leis.

’N uair chrìochnaicheadh am baiteal,
Air an fhaich aig Clach-na-Cùdainn,


[138]

Gun thog na suinn am brataichean,
Gu caismeachd thoirt do’n dùthaich.

’N uair chuala sinn an tàirneanach,
Le làmhach cruaidh nan diùlnach,
’S a chùnntais sinn an àireamh
Sheas le Teàrlach aig a’ Chudainn,

Gun rinn ar cridhe gàirdeachas,
’S gach bean is pàisd bha g’ ùrnaigh,
Gun choisinn e bhuaidh-làrach
Air an nàmhaid aig a’ Chùdainn.

Nis òlar do dheoch-slàinte leinn,
A Theàrlaich Bhàin, gun chaomhnadh,
Is ged bhiodh troidh air àird innte,
Gun traigh sinn gus a’ ghrùnnd i.

Their sinn anns a’ Ghàidhlig i,
Mar b’ àbhaist d’ ar luchd-dùthcha
Dhuit saoghal fada ’s gàirdeachas,
Is càirdean mu na Chùdainn.

A’ chuid a thuit san àrfhaich so,
Cha b’urrainn càch an giùlan,
’S a’ chuid nach d’rinn a’ Cheardach [The Falcon Foundry.] dheth,
Gun d’ fhuair iad àit aig Dougall.

Bha Colvin bochd ’s an Ròsach,
Gun do thachd an ceò ’s an stùr iad,


[139]

’S gun deachaidh Burns a leònadh
Chuir na Dòmhnullaich an t-sùil as.

Is bochd dhuinn mar a dh’ éirich dhuit,
’S tu fhéin a bhith cho tùrail,
’S gum féum thu nise spéuclairean,
Ga d’ léidigeadh gu cùirtean.

Rinn iad coileach-òtraich dhiot,
Le itean mòr is stiùir ort,
’S do cheann cho dubh ri ròcais,
Le do spuir gun bhriòg gun ghlùinean.

titleCaithream-bhuaidh
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page