SORAIDH SLAN, A THEARLAICH, LEAT.
Rinneadh an t-òran so ann an Grianaig, anns a’ bhliadhna 1876, air do Mhr. Teàrlach Friseal Mac-an-Tòisich iomadh dearbhadh follaiseach a thoirt air cho dìleas ’s a bha e do dh’aobhar agus do chànainn a luchd-dùthcha.
AIR FONN:— “Shaorainn, shaorainn, shaorainn i.”
LUINNEAG:—
Soraidh slàn, a Theàrlaich, leat,
Bho’n chaidh thu suas an Phàrlamaid,
Chur impidh mu na Ghàidhlig
Air a càirdean ’s air a’ Bhan-righ.
An uair a ni thu éirigh ann,
Tha dùil agam gun éisd iad riut,
Bho’n ’s e do chiall ’s do réusontachd,
’S ar spéis duit a chuir ann thu.
’N uair fhuair ar clann an t-ùghdarras,
Gun dhearbh iad uile ’n dùrachd dhuit,
Le d’ onair àrd a dhùblachadh,
Ga d’ chur an cùirt na Ban-righ.
Bho’n dhearbh thu dhuinn le d’ ghnìomhara,
Nach robh thu na do spìocaire,
’S gur h-onarach a chrìochnaich thu,
Gach gnìomh a chuir thu làimh ris.
Gur iomadh bochd is féumach,
Dha’n do shìn thu làmh na déirce,
Ach cha chualas riamh o d’bhéul e
No ga léughadh air a’ chabhsair.
Ach ’s e dh’ fhàg cho bàigheil thu,
Na fiùrain bho’n do thàrmaich thu,
Thaobh d’ athar is do mhàthar—
B’ ainneamh àit am faict’ an samhladh.
Cha b’ ascairt air a thlàmadh thu,
Na h-uile taobh o’n d’ thàinig thu,
Ach smior an lìn a’ b’ fheàrr,
Is craobhan àrda le’n cuid meanglan.
’S am measg do bhuadhan nàdurra,
Is d’ uaisle air bheag stàdalachd,
’N uair choinn’cheas tu do chàirdean,
’S ann ’s a’ Ghàidhlig ni thu cainnt riu.
’S ma dhiùlt iad i ’s a’ Phàrlamaid,
’S nach toir iad rùm no àite dhi,
Gun cùm sinn air an àilgheas i,
Bho’n ’s ’canainn tha gun mheang i.
Is cànainn i ro mhòralach,
A dh’ ionnsaicheadh ’n ar n-òige dhuinn,
’S c’ arson a leigt’ an deò aisde,
’S gu leòir dhi air a’ Ghalldachd.
Cumaidh sinn na h-òranan,
Na sgèulachdan ’s na stòraidhean
Rinn an t-Ollamh mór Mac-Leòid,
A chur an òrdugh ann ar cainnt dhuinn.
’N uair bha sinn òg is gòrach,
Agus sgoilean gun an òrduchadh,
Chuir esan h-ugainn leabhraichan
Bha neònach anns an àm ud.
Ge h-iomadh àit an léughar iad,
Nach tuig iad cuid d’ an éifeachdan,
Gun deach an cliù a shéulachadh,
’S am féum a bha ’s a’ chainnt ud.
’N uair thainig cruadhs is àmhghar oirnn,
A thaobh ar n-arain làitheil,[The time of the potato famine.]
Gur e Ministear na Bàn-righ’nn
Rinn an àird a’ h-uile call duinn.
’S ’n uair chrìochnaicheadh a chùrsa leis,
Cha b’ ann mar chraoibh gun ùbhlan e,
Oir dh’ fhàgadh measan cùbhraidh leis,
Bheir ùrachadh ’s a’ ghleann duinn.
’N uair chithear air na sràidean iad,
Ni cridhe chiadan gàirdeachas;
B’e Fionn-airidh an t-àit aca,
’S bha Ghàidhlig fo’n comannda.
Soirbheachadh, a Theàrlaich, leat,
Is durachd math nan Gàidheal duit,
’S gun labhair sinn ’s a’ Ghàidhlig riut
’N uair thig thu bhàn a’ s t-Samhradh.
Bha ‘Albannach’[The old Highlander.] nam Mòr-bheann,
Tabhairt iomraidh air do phòsadh dhuinn,
’S ni clann na ‘Cloiche’[Inverness.] sòlas,
Gabhail òran aig do bhangaid.
Ni Torr-a- Bheathain gàirdeachas,
Dun-ian agus Creag-Phàdruig,
’S bidh tein-aighir air gach àirde dhiubh,
Cur fàilt’ air bean-na-bainnse.
Gun deasaich iad na ròstachan,
Na bonnaich choirc is eòrna dhi,
’S gum faigh gach aon a dh’ òlas,
Pailteas fìon’ is beòir is branndaidh.
Bidh clann na ‘Cloiche’ dìchiollach,
Cur connaidh suas na phìleachan,
’S bidh lasair le toil-ìnntinn ann,
A chìtear ’s an Ruigh’ -Shamhraidh.
Beannachd leat, a Theàrlaich,
Agus dùrachd luchd na Gàidhlig duit,
Is cumhachd bho na h-Ardaibh,
Ga do shàbhaladh bho aimhleas.
Chan urrainn domh ga d’ fhàgail,
Ged nach ruig mi air mo làmh thoirt duit,
Gun taing air son do bhàighealachd,
’S do chàirdeas do na bhantraich.
Soraidh slàn, a Theàrlaich leat,
Bho ’n chaidh thu suas an Phàrlamaid,
Chur impidh mu na Ghàidhlig,
Air a càirdean ’s air a’ Bhan-righ
title | Oran eile do Thearlach Friseal Mac-an-Toisich |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |