[15]

SORAIDH LEIS AN NOLLAIG UIR.

LUINNEAG:–

Soraidh leis an Nollaig ùir,
Thogadh gean air comunn ciùin,
’S air nach cuireadh reodha giùig,
Ged a bhiodh an Dùdlachd fuar.

Dh’ fhag mi Eilean gaoil nan Sgiath,
Bho chionn còrr ’s da fhichead bliadhn’;
’S mar a chaochail iad an rian,
’S cianail leam a dhol ga luaidh.

’S iomadh Gàidheal tha fo bhròn,
A thogadh ann an Tir a’ Cheò,
Ga thacadh anns a’ bhaile-mhòr,
Le stùrr agus le ceò a’ ghuail.

Agus miltean air dol fàs,
Dh’fhearann torach bheireadh bàrr,
Far na dh’àraicheadh na sàir,
Anns na blàir a chuireadh ruaig.

Ach thainig caochladh air na neòil,
Air na cnuic is air na lòin,
Far an robh na daoine còir’,
’S e th’ ann caoirich-mhòr is uain.


[16]

’N uair a nochd mi ris an àit,
Far an robh mo shluagh a’ tàmh,
Coin a’ comhartaich ri m’ shàil,
’Cur na fàilt orm cho fuar.

’N uair a ràinig mi na dùin,
Tigh mo shean-mhath’r sios na smùr,
Toman rainich fàs ’s a’ chùil
Far an robh mi mùirneach uair.

’S rainig mi Tobar-a- Mhàil,
Far an tric a dh’ ol mi sàth,
Sligean eisirean na mhàs,
’S tha e ’n diugh cho làn de dhruaip

Rainig mi tobar Iain Bhàin,
Dh’ ainmichinn athair mo ghràidh,
’S na clachan mar a chuir a làmh,
Air am fàgail dhomh mar dhuais.

’N uair an sheas mi os an cionn,
Shil na frasan bho mo shùil,
Cuimhneachadh air luchd mo rùin,
A tha ’n diugh san ùir na ’n suain.

Chaill mo bhuadhan uile ’n lùth,
’S thainig nial a bhàis am ghnùis;
Dh’ òl mi lan mo bhois d’ an bhùrn,
’S rinn e m’ ùrachadh san uair.


[17]

Rainig mi ’n tobhta bha làn,
Uair le cuid, is sluagh, is gràn,
Far an tric an d’ rinneadh bàigh,
Ris na h-ànradh’ch a bh’air chuairt.

Dh’ fheuch mi ’m faithnichinn an t-àit,
Far an robh mo mhàthair ghràidh,
’Suidhe maille rium mu ’n chlàr,
’S i ga ’r sàsachadh le uaill.

Ach cha robh ùrnaigh ga cur suas,
Anns an fhardoich nach robh fuar,
’G iarraidh bheannachdan a nuas,
Air an t-sluagh a bhiodh na broinn.

Cha robh mi fada san àit,
’N uair a chaidh an sgèul os àird
Thainig Màiri, Nighean Iain Bhàin,
’S tha i tàmh sa’ ghleann ud shuas.”

Chruinnich an sin luchd mo ghràidh,
A’ cur furain orm le fàilt,
’S thuirt gach aon thug dhomh a làmh,
Bidh cuimhne air Ian Bàn gun fhuath.”

Thiormaich mi ’n sin suas mo dheòir,
’S thoisich mi air seinn mo cheòil,
Chumail m’ aigne air an dòigh
Tha cunnart anns a’ bhròn air uair.


[18]

’S chaidh mi sios ri taobh an lòin,
Far an tric an robh mi òg,
Dh’ iasgach chaimheineach le snòd,
’S iad na’n greòdan ris a’ bhruaich.

Chaidh mi sios thun a’ bheul-àth,
Far am bithinn tric a’ snàmh,
’S thug mi cuigealach nam màg,
Leam mar chuimhn’ air gràdh an t-sluaigh.

Ach cha robh maighdean no bean òg,
A’ sniomh an t-sànth gu deanamh clò,
’N duine ’s maid’ aige na dhòrn,
Falbh air tòir na mnatha luaidh.

’N uair a chruinnicheadh gach òigh,
’S ann an sud a bhiodh an ròic,
Measair chàbhruich air a’ bhòrd,
S’ na fleasgaich anns an t-seòmar shuas.

Cha robh seiche ga cur suas,
Air an spàrr gu ’m biodh i cruaidh,
Oidhche Challuinn tigh’nn a nuas,
’S chluinnteadh fuaim oirre le ’n cloinn.

’N uair a chruinnicheadh an greòd,
’S ann an sud a bhiodh an ròl,
’G éigheachChallainn, Challainn O!”
’S fear a’ tùiseachadh ri dhuan.


[19]

H-uile fear ’s a chasan rùisgt,
S’ caman aig air chaol da dhùirn,
Stracadh dhroineagan le sùrd,
Cur bhannagan na ’n smùr ’s na ’m bruan.

’N uair thàinig crìoch air an duain,
Bhiodh an caisean-Callainn suas,
Bean an tighe ’s i gun ghruaim,
Tigh’nn a nuas dhaibh leis an dràm.

Cha b’ e glaine bheag gun tuar,
Gheobhadh gille glas an duain,
Ach slige-chreachainn cur m’ a bruaich,
’Chuireadh tuainealaich na cheann.

Ach chuala mi guth air mo chùl,
Mar gun éireadh neach o ’n ùir,
Nach ’eil Lachlann òg an Uird,”
Na cheann-iùil air ceann an t-sluaigh.

Gum faithnich sinn air na cluain,
Air na daisean ’s iodhlann chruach,
Gun robh cridheachan an t-sluaigh,
Ga ’n cur suas cho math ri ’n làimh.

titleSoraidh leis an Nollaig Ùir
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page