[145]

DEOCH-SLAINTE THEARLAICH.

Rinneadh an t-oran do Mhr. Teàrlach Friseal Mac-an-Toisich aig àm taghadh Luchd-Pàrlamaid, ann an Geamhradh na bliadhna 1885.

LUINNEAG:—

Olaibh slàinte Theàrlaich,
Fior charaid nan Gàidheal,
A sheas ’s a’ chruadal leinn gun duais,
Ri aghaidh cruadhs an nàmhaid.

Olaibh slàinte Theàrlaich,
Le caithreim anns a’ Ghàidhlig,
Cur snaim thrì dual a chaoidh nach gluais,
A cheangal suas ar càirdeis.

Olaibh slàinte Theàrlaich,
Na Gàidheil anns gach ceàrna,
Taobh thall a’ chuain, is deas, is tuath,
Bho’n chum e suas ar cànainn.

Olaibh slàinte Theàrlaich,
’S gu grùnnd gu’n teid a tràghadh,
Le sean is òg an Tìr-a’-Cheò
’S le Dòmhnullaich Chinn-tàile.


[146]

Olar slàinte Theàrlaich,
’S a’ Mhanchainn leis na càirdean,
Oir dhùin iad bial a’ chréutair chrìn,
Chuir ceist gun chiall ri Teàrlach.

Olar slàinte Theàrlaich,
Le diùlnaich mhór a’ Bhràighe,
A dhùisg am cogadh an Beinn-,
’Bu leinn bho linn gun àireamh.

’N uair choinnich iad ri Teàrlach,
Gun d’thug iad uile làmh dha,
Le glaodh Sir Coinneach a bhi falbh,
Le soirbheas math do Gheàrrloch.

Thug diùlnaich Sgousair àithne,
Sir Coinneach bhi ga ’m fàgail,
Bho’n ’s iad na féidh bha’n glaic fo ’sgéith,
Nach éisdeadh iad gu bràth ris.

Chan ’eil sinn mar a bhà sinn,
Fo eagal mhaor a’s bhàillidh,
Ma ghlacas sinn féidh anns an arbhar,
Marbhaidh sinn ’s an t-sàil’ iad.

Bu mhór an t-aobhar nàir’ dhuinn,
’S an tìr ’s an deach ar n-àrach,
Nach fhaod sinn saltairt air an fhiar,
A dh’orduich Dia nan Gràs duinn.


[147]

Dhùisg e móran tàmailt,
An Sléibht’ is Srath na h-Airde,
’Nuair fhuair iad lughadair cho saor,
Am Faodail teann air Sàsaig.

Tha’n sean-fhacal ag ràidhtinn,
’S cha bhriagnaichear gu bràth e,
Gun caill an t-ionracan a ghreidh,
Ni tigh ri taobh a’ mheàirlich.

Olar slàinte Theàrlaich,
’N Gleann-Eilge leis na h-àrmuinn,
Rinn cuid diubh triall da mhìle dhiag,
’Chur onair fhial air Teàrlach.

Tein-aighir air a chàrnadh,
Is brataichean air fàire,
’S ’n uair nochd a’ bhìrlinn troimh na chaol,
Gun thill an glaodh o Ghlàmaig.

Ach bha duin-uasal dàicheil,
De ’n chinneadh mhór aig Teàrlach,
A fhuair pillachan a Port-Rìgh,
’S gun d’thug e dhuinn a dhà dhiu.

Bha driùchd is dealt a nàduir,
Na shruth bho bhathais àluinn,
Cur ola shearbh ri teang air meirg’,
An argamaid ri Teàrlach.


[148]

Is ma tha bhuadhan nàduir,
Cho purposach ri chànain,
Bu choir dhaibh bliadhna dhe chur suas,
A chomunn sluagh na Bàn-righinn.

Olaibh slàinte Theàrlaich,
GunChlach-na-Cudainnfhàgail
A ghluaiseas cridheachan an t-sluaidh,
Le nuallan anns a’ Ghàidhlig.[Alexander Mackenzie, of the Scottish Highlander.]

Olaibh slàinte Theàrlaich,
A’s Uisdein chòir Mhic-Aidhe,
A fhuair an t-srian a dhearbh a ghnìomh,
Mar sheanair liath nan Gàidheal.

Bho’n fhuair thu na do làimh i,
Gun ruith thu’n réis gu dàicheil,
Le cuip na tuigse na do làimh,
’S gum faigh ar nàimhdean stràc di.

Olaibh slàinte Theàrlaich,
Gu crìochaibh Earra-Ghàidheal,
Togail stuaidh ri ceann nam buadh,
An t-uasal cruaidh Mac-Phàrlain.

Olaibh slàinte Theàrlaich,
’S ’n uair thig an t-àm ’s an t-àite,
Gum faic a chàirdean e dol suas,
Le miltean sluaigh de dh-àirimh.


[149]

Olaibh slàinte Theàrlaich,
Fior charaid nan Gàidheal,
A sheas ’s a’ chruadal leinn gun duais,
Ri aghaidh cruadhs an nàmhaid.

titleDeoch-slainte Thearlaich
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page