BROSNACHADH NAN GAIDHEAL,
Aig àm taghadh na Parlamaid ùir anns a’ bhliadhna 1885.
LUINNEAG:—
Cuiribh Teàrlach suas le h-aighear,
’S deagh Mhac-Phàrlain suas le caithreim,
Cuiribh Aonghas suas le buaidh,
Air ceann an t-sluaigh far ’n d’fhuair e ’aran.
Chuidich sud le neart nan Gàidheal,
Air taobh Theàrlaich Bhàin gun mhearachd,
Na sgeith an Courier de chlàbar,
’S ann am fàbhor ri Sir Coinneach.
Cuiribh Teàrlach suas le cliù,
Oir dhearbh e dhuibh a dhùrachd cheana,
Is gheobh sibh cead air féidh nan stùc,
Is còir as ùr air bhur cuid fearainn.
’S a’ cheàrn ’s na dh’àithneadh dhuinn le Dia,
Chan fhaod sinn triall air sliabh no gaineimh,
A’ h-uile nì ’n robh smear no luach,
Gun spùinn iad uainn le lagh an fhearainn.
Chan ’eil bileag ghorm no uaine,
Far ’n robh dualachas mo sheanar,
Leis na bric tha snàmh fo’n chuan,
Nach d’thug iad uainn, a dheòin no dh-aindeoin.
Ma thog neach eisir ann an cliabh,
No maorach ann am meadhon mara,
Theid an cur fo ghlais ’s fo dhiòn,
Le laghan diongmhalt’ dìon an fhearainn.
Faodaidh gu bheil a’ chainnt so garbh,
Ach ’s tric tha’n fhìrinn searbh ri labhairt,
Chaidh luingeis-chogaidh ’s sluagh fo airm,
A dhion ’s a thearmunn lagh an fhearainn.
’N uair bha na h-uachdaranan cruinn,
Ann am baile-cìnn na siorrachd,
Cuimhnichear re iomadh lìnn,
An guim a rinn iad gus ar mealladh.
Sgrìobh iad àithne dhaingean dhian,
Do ’n ionaid air nach dian sinn labhairt,
Na h-aingle is am fear nach b’fhiach,
A thigh’nn a riaghladh lagh an fhearainn.
’N uair leugh Ivory an àithne,
Chunnt e chuid a b’fheàrr d’ a aingil,
Ach dh’fhag e chuid thainig an Bhràighe,
Oir bha’n cnàmhan air am prannadh.
“Togaidh sinn oirnn do na glìnn,
Leis na tha de Ghoill fainear dhuinn,
S ma bhios sibhse fo’m chommànd,
Theid an ceànnsachadh dha’n aindeoin.”
’N uair a ràinig iad na glìnn,
’S ann bha na suinn nach deanadh mearachd
Air an crioslachadh le firinn,
’S cha robh ìnnleachd air am pronnadh.
Ghlaodh Ivory an sin le gruaim,
Ris na truaghain, a chuid aingeal—
“Chan fhaigh sinn am feasd a’ bhuaidh,
’S e so an sluagh a fhuair am beannachd.
“Cha tìll mise gun mo dhiùmadh,
Ni mi cùirt am measg nan aingeal,
Bheir mi bheathachadh bho Dhùghall,
’S cuiridh mi an crùn air Calum.”
Dh’ainmichinn iad air an cìnn,
Bha seinn air ainneart luchd an fhearainn,
A thionndaidh ’n còta air an druim,
’S a dh’ith na rainn dhe ’n d’rinn iad eadhlain
Falbh le leabhraichean ’s ga’n seinn
Dha na suinn a bh’ aig a’ bhaile—
“Gheobh sibh mil air bharr an fheòir
Am Manitòba, is na fanaibh.”
Phàidh na h-uachdarain dhaibh duais
Ma’s do ghluais iad o’n a’ bhaile,
Ach ’s e ’n gad air an robh ’n t-iasg
A fhuair na siochairean, ’s iad falamh.
Cuiribh Teàrlach suas le h-aighear,
’S deagh Mhac-Phàrlain suas le caithreim
Cuiribh Aonghas suas le buaidh,
Air ceann an t-sluaigh far ’n d’fhuair e aran
title | Brosnachadh nan Gaidheal |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |