COINNE NAN CROITEARAN
Aig Beul-àtha-nan-Tri-allt, fo stiuradh an Urramaich Domhnull Mac-Caluim.
AIR FONN:— “Failte dhuit,” etc.
LUINNEAG:—
Fàilte dhuibh, ’s deagh shlàinte dhuibh;
’S i n fhàilte chuirinn as ur déigh,
Fàilte dhuibh, ’s deagh shlàinte dhuibh.
Tha nise da fhichead bliadhn’
Ach ceithir miosan aig an àm,
Bho’n ghabh mi beannachd dhe mo chàirdean,
Aig Beul-àtha-nan-trì-allt.
’S iomadh tonn a chaidh thar m’ aodainn,
Smaointinn a chaidh troimh mo cheann,
Bho’n shuidh mi ’n toiseach air an làraich,
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
’S iomadh ceann a chaidh an currac,
’S osna mhuladach gu cheann,
Bho’n chaidh na mìltean againn àireamh,
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
Bha sluagh a’ tional as gach ceàrna,
Mar a bhàrcas tuil nam beann,
Dh’ éisdeachd teachdaireachd na slàinte,
Gu Beul-àtha-nan-tri-allt.
Tha iad a nise ann am Fàrras
Rinn an fhàistneachd aig an àm,
Gun rachteadh gu Cùirt na Bàn-righ’nn
Bho Bheul-àtha-nan-tri-allt.[A preaching reminiscence of the days of the Rev. Roderick Macleod of Snizort.]
Chunnaic sinn bristeadh na fàire,
’S neòil na tràillealachd air chall,
An là a sheas Mac-Caluim làmh ruinn
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
Bha cheann-teagaisg anns a’ Ghàidhlig,
’S éisdeadh ‘Arasaig’ r’ a chainnt,
Bho’n lèudaich e air eachdraidh Ahaib,
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
’S beag bha smaointeanan aig ‘Hàman’
Gun cluinnteadh gu bràth a chainnt,
Ach léughadh i le deagh Mhac-Phàrlain,
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
Thuirt cuid de na bha ’s an làthair,
’G éisdeachd ri màbadh an clann,
Gum b’ aithridh e air bogadh bàthaidh
Ais Beul-àtha-nan-tri-allt.
Chuimhnich mi mnathan a’ Bhràighe,
’S dìol mo chàirdean aig an àm,
’S ’n uair nochd policeman no dhà ruinn
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt,
’S coltas slachdan buntàta,
Bh’ aig na h-àrmuinn mar an lann,
’S cumadh poit-ghuirmean mo mhàthar
Air a chàradh air an ceann.
Dha na fir cha toir sinn tàire,
’S taing dha’n Agh gu bheil iad ann,
Ach gheobh sinn fhathast gnìomh is fheàrr dhaibh,
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
’S e uachdarain, maoir, is bàillidh’n,
’Chuir ar fàrdach bun os ceann,
Gum biodh feum air gin gu bràth dhiubh,
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
Beannachd uainn gu muinntir Lunainn,
Sheas cho duineil air ar ceann,
’S gum faod sinn labhairt le dànachd,
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
Beannachd gu Uisdein Mac-Aidhe,
Bhrist a’ bheàrna dha ar clann,
’S cha d’fhag iad clach na làrach
Aig Beul-àtha-nan-tri-allt.
title | Coinne nan Croitearan |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |