DEOCH-SLAINTE SHEUMAIS RUAIDH.
’S i deoch-slàint an diùlnaich,
’S le dùrachd cuiribh thairis i;
Cha sòradh mo luchd-dùthcha
Na crùin a chur ga ceannach dhuit;
’S ma theid mi chaoidh do dh’ Uige,
Bidh sùnnd oirnn anns an dealachadh;
’S ged ghabhadh tu dhomh ’n t-sùisd’,
Air mo chùladh ’s tù mo charaide.
Shéumais choir, chan ann le bòsd,
No glòireis air nach aithridh thu,
Gun teid a h-òl na ’slàinte mhòir
Le uaislean còire, ceanalta,
Is leis gach aon a chuir ort eòlas
Bho’n reic thu stòpa Thalasgair,
Is na léughas Tìm an Obain,
Gu Tigh-Iain-Ghròit an Gallabh dhuit.
Fhuair mi naidheachd a bha doirbh,
’S bha i searbh leam mu mo charaide,
Gun robh a thinneas gailbheach,
Is marbhteach na ’n leanadh e;
Thog mi orm ’s an anmoch
Ri stoirm agus gaillionn,
’S ’n uair ràinig mi tigh Shéumais,
’S ann b’ fhéudar domh fantainn ann.
Thuirt e rium cho uamhalta,
Is gruaim air a’ mhal’ aige—
“Tha t-inntinn a’ dol tuaitheal,
A thruaghain gun fhaireachadh;
M’an ruigeadh tu ’n Lon-Ruadh,
Leis an fhuachd rachadh do mheileachadh,
’S chan fhalbh thu nochd dha m’ antoil-s’
Ged rachadh bann is ceangal ort.
“Fan gu madainn ’s gheobh thu ’n t-aiseag,
Air neo each a choisicheas;
Tha Coinneach beò, an duine còir,
’S tha dòchas dhuinn nach eagal da.
Mar thubhairt b’fhìor, b’ e sud ar miann,
Chaidh sìoladh air an easlainte,
Is o’n a chaomhnadh Coinneach beo dhuinn,
Tha sòlas nach beag againn.”
A nise beannachd leat, a Shéumais,
Bho’n ’s fhéudar dhuinn dealachadh;
Is a’ h-uile taobh g’ an téid mi,
Bidh ’n t-séisd so ga cantainn leam—
Dhuit fhéin is dha d’ theaghlach spéiseil;
’S do chéile—cha sgaiream e—
Chan fhaiceam am measg chéudan,
Aon té eil’ a bheir barrachd oirr’.
Am modh ’s an gliocas, ciall is tuigse,
Ann am meas ’s an eireachdas;
Air ceann a cloinn’ tha i na loinn
’S iad fo ’comannda foistinneach;
’S fhuair i sud mar oighreachd
A roinn di o h-aithrichean;
Chan fhacas an tigh-seinnse
Na lìnn a bheireadh barrachd oirr’.
title | Deoch-slainte Sheumais Ruaidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |