[165]

DEOCH-SLAINTE CAIRDEAN NA GAIDHLIG

A bha a’ tagar a h-aite dlighich dhi anns na sgoilean mu’n bhliadhna 1877.

AIR FONN:— “Biodh an deoch-s’ an làimh mo ruin.”

Olaidh sinn deoch-slàinte Chluainidh,
’S tràghar tunnachan g’ a cheann.

C’ àit’ am faicteadh fear do chéum,
Fo d’fhéile fhéin de bhreacan ùr.

Le do chòmhlan ghillean àluinn,
Nuas o Bhàideanach nan stùc.

Caraid is cùl-taic na Gàidhlig,
’S fhad o’n dh’ àrdaicheadh do chliù.

C uime ’n leagteadh gus an làr i,
’S suinn cho dàicheil air a cul?

Fear dhiubh suidhe ’n Cùirt na Bàn-righ,
Cumail gaoith an àird a siùil.

Cha tig smal air cliù na Gàidhlig,
’S Teàrlach Bàn na shuidh air stiùir.


[166]

An t-ollamh Blackie air ramh-bràghad,
’S tuinn na Gàidhlig togail smùid.

’S ’n uair a ghlacar leis an ràmh,
Gum faic sibh chuailein bàn fo dhriùchd.

’S ’n uair a dh’éireas i na caoirean,
Chi sibh ’n fhaoilt thig air a ghnùis.

A teas-meadhoin sruth gach cànainn,
Thug e Ghàidhlig leis air tùs.

Ga cur ann an cathair làidir,
An déigh a bhàis gu seinn a chliù.

’S tha laoch eile rinn ar còmhnadh,
Lachlann Og o Thigh an Uird.

Iar-ogh’ Ruairidh Mhóir nam féile,
Leis an éireadh an luchd-ciùil.

Eiridh na Gàidheil gu léir leat,
’S uaislean Eirinn air an cùl.

’S bho’n a thagh thu d’aite-còmhnuidh,
Seinnidh mi le deòin do chliù.

Far an robh mi fhìn na m’ òige,
’S deòin-bhàigh agam ris an ùir.

’S far an tric na sheinn mi òran,
Cuallach bhò air chùl nan dùn,


[167]

Olaidh sinn slàinte Fir Liandail,
’S math a b’ fhiach e bhith ’s a’ chùirt.

Dhearbh thu bhith na d’ dhuine uasal,
Bho’n a ghluais thu riamh o thùs.

’S math gum b’ aithne dhomh na m’ òig thu,
Ged tha’n t-eòlas dol air chùl.

Tha Eilean-a’-Cheò fo d’fhiachan,
Thu bhith riaghladh ann an cùis.

Deanamh rathaid dha’n each-iarainn,
Dha na criochan sin a nùll.

’S ma theid e seachad air Liandail,
Bidh na ciadan na do chùirt.

’S tha mi’ n duil nach toir thu ’n t-srian as
Gus am biadh thu e ’s an Dùn.

Biodh an deoch-s’ an làimh mo rùin;
Slàinte le fear an Tùir;
Biodh an deoch-s’ an làimh mo rùin.”

titleCairdean na Gaidhlig
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page