[172]

FREAGRADH MAIRI GU GAIDHEIL GHRIANAIG.

Chuir Gàidheil Ghrianaig am fios a leanas gu Màiri ann an glan Ghàidhlig:—

Gu Màiri, nighean Iain Bhàin, ann am Bothan Ceann-na-coille, Port-Rìgh, anns an Eilean Sgiathanach. A bheil thu beò, a bhana-charaid, no bheil thu fo ghean mar tha cuid dhe na bha maille riut aig Drochaid-a- Bhanna? Ged is tusa bhrist an tobar agus a rinn rathad do’n uisge a bha air a ghlasadh suas los nach faigheadh do mhnathan-cinnidh deoch dheth, agus an tigh aca air a rùsgadh m’ an ceann leis an duine a bha a’ gabhail air a bhith na Chriosdaidh; is iadsan nach robh uile gu léir cho ciontach riutsa a fhuair am prìosan. Chan ’eil fhios againn a bheil thu fo ghean no nach ’eil, ach tha sinn a’ gabhail fadachd mhòir nach cuala sinn umad bho ’n dhealaich thu ri Uisdein ann an Inbhir-Nis. Tha fadachd mhòir air cuid againn, agus gu h-àraid air na lighichean, nach ’eil thu ga d’ nochdadh fhéin ann an Grianaig. Tha fhios againn ma tha thu ann an Eilean bochd a’ Cheò gu bheil do chridhe briste agus do spiorad brùite a’ faicinn agus a’ cluinntinn dìol do luchd-dùthcha bochd. Chan ’eil e éu-coltach nach do leig Dia na mhòr ghliocas cead leaingleana bhith ga ’n géur-leanmhainn; ach gabhadh iadsan misneachd, agus mar thuirt Màiri a’ Ghlinne, chi


[173] iad guntig Di ri airc agus nach airc ’n uair thig.’ Tha dòchas againn gu bheil thu slàn mar tha sinne aig an àm so, agus cluinneamaid uait gu h-aithghearr. —Do chàirdean dìleas, MAC-AOIDH AGUS MAC-NEACAIL.”

Beannachd dùbailte do Dh’Uisdein,
’S fhad tha chliù an clò,
’S do Mhac-Neacail fear mo rùin,
’S b’ e ogha ’n diùlnaich chòir,
’Bha feoraich air mo shon ’s a’ Ghàidhlig,
Mhairi, bheil thu beò,
No bheil thu ’m priosan mar tha càch,
An Eilean àrd a’ Cheò?”

Taing dhuibh, tha mi fallain, slàn,
Gun chnead, gun chràdh, gun leòn,
’S mo bhothan làn gu seasgair, blàth,
’S gun fhàiling air mo lòn;
Ach bha mi roimh ac’ ann am prìosan,
Le ìnnleachd dhaoine mòr’,
Ach tha mi nise air neo-’r-thaing
Nan aingidh, ’seinn mo cheòil.

Cha toir mi oilbheum le mo chainnt,
A’ cur nan rann air dòigh;
Tha nise ceithir bliadhna diag
Bho ’n phian iad mi gun chòir;
’S am Bàillidh truagh a thug mo bhìnn,
Is diblidh bochd a chrò
Ga fhalach féin an tìribh céin,
’S cha chluinnt’ a sgéul n’ is .


[174]

Saoil nach uamhasach an gnìomh
Th’ air ìnns’ an Tir-a- Cheò,
A’ mhathair chaomh ’s an naoidhean gaoil,
Le h-àlach maoth gun treòir,
A bhith ga ’n slaodadh aig an laoisg,
Gun truas ri ’n gair no’n deòir,
’S ga ’n spùilleadh dhe na bh’aca ’n t-saoghal,
De mhaoin g’ an cumail beò.

Is cinnt gu bheil ur cridhe làn,
’S gach ceàrn tha fo na neòil,
A’ cluinntinn càramh luchd ar gràidh,
Far ’n deach ar n-àrach òg;
’N uair bhios an lìnn tha ’n diugh a làthair
Cian a’ cnàmh fo ’n fhòid,
Gum fàgar eachdraidh leis na bàird
Air Eilean àrd a’ Cheò.

Chaidh mi ’n a stigh an chùirt,
’S bha ùin’ agam gu leòir,
A ghabhail beachd air a’ cheann-iùil
Fhuair ùghdaras cho mòr;
Gun smaoinich mi le dreach a ghnùis,
A shùil gun iochd, ’s fo shròin,
Gun dh’ éirich Claverhouse bho ’n uaigh,
Le shnuadh mar bha e beò.

Ghabh mi beachd air bho mo shùil,
Bho ’chrùn a chinn gu bhròig;
Bha chlaigeann cruinn gun mheachainn ann,
Cur dìon air roinn de phròis;


[175]

Ach bha d’ an bhrúid air cùl a chluas,
Na shuaicheantas gu leòir,
Gum b’ urr’ e ’n t-olc a chur an gnìomh
’S gun fhiamh a chur air fheòil.

Tha d’ eachdraidh air a sgrìobhadh sios
Le peann nach crion gu bràth,
Mar bha an Cardinal o chian
A’ pianadh clann nan gràs;
Tha do theiste fiòr am fìrinn Dhia,
Do chainnt is gnìomh do làmh,
’S gur miorbhuileach gum fàsadh fiar
Far ’n chuir a’ bhiasd a spàg.

Bha Achan truagh aige na champ,
Is fhad o’n thoill e ròp
Mac-Raibeart crainndidh ’shàr le pheann
An naoidhean fann gun ghò.
Cha b’fhuil neo-chiontach an gnìomh,
Ged dhòirt’ i sios gu bhròig;
Ach bha mi pròiseil as mo shluagh
A dh’ fhag an truaghan beò.

Is iomadh sùil o’n d’ thug thu diar
Is cridhe ’shniomh le bròn,
Bho ’n thriall thu ’n toiseach air an fhiar
’N ad bhlianaich luim gun treòir;
Tha mallachd dhaoine ’s mallachd Dhia
A’ lionadh suas do stòir,
’S mur faigh thu tròcair ann ad ghnìomh,
Cho chrìochnaichear do bhròn.


[176]

Bha onair eil’ aca na’n cùrrs’.
Gu’n cliù a chur an clò,
’N uair ghlacadh leò na cinn-iùil,
Ga’n dùnadh ann an crò,
Le facail uilebheiste nam beann,
Ga’n cur an làimh gun chòir,
Ach fhuair iad saorsa air neo-’r-thaing
Na bh’ aca nàimhdean beò.

Taing do cheannaichean Phort-Rìgh,
’S gach aon a ghabh ar pàirt,
A sheas cho dìleas anns an strìth
Chur dìon air lìnn nan sàr
Do Dhonnachadh Mór, an diùlnach suairc,
Ga’n cumail suas le lòn,
’S nach fàgadh aon diubh fo shnaim chruaidh
Cho fad ’s a dh’fhuasgladh òr.

Tha’n Fhìrinn fhéin a’ cur an céill
Mar dh’éireas dha na chòir,
’S gun teich an t-éucorrach leis fhéin
Gun chréutair air a thòir.
’N uair chaidh na h-Eiphitich air ghléus
Fo’n ceannard fhéin b’e ’m bròn
Gun sgoilt an cuan gach taobh mar stuaidh
’S gun d’ fhuair an sluagh as beò;

Ach phàidh iad Eiphitich le duais,
Gun truas ri sean no òg,
’N uair spùill iad uapa na bha shuas,
’S nach faight’ a nuas an còrr;


[177]

Cho fad ’s a dh’ iadhas tuinn a’ chuain,
’S tha rionnag shuas ’s na neòil,
Bidh cuimhn air uachdarain is tuath-cheathr’n
Eilein uaine ’Cheò.

Fhuair mi naidheachd oidhche Mhàrt,
Chuir nàdur bharr a dòigh,
Bean Mhic-Mhaoilein a bhith’n sàs
B’i ogha’n armuinn choir
Aig triùir a luchd nam poitean-guirmein
Falbh le’n cuirm air dhòrn,
A’ cosnadh medal mar an duais,
Gu cumail suas a ghlòir.

Taing do’n Agh nach robh mi shìos
A faicinn dìol a’ bhroin,
A’ falbh gun stiall sìos as a ciall
’S nah-aingleandìon an còir;
Gun tugainn racaid dha’n fhear liath
Ga chur an nial le dòrn,
Ged a chumteadh mi fo dhìon
An iarainn ri mo bheò

Cumaibh taic ri druim na dream
A fhuair an streang na’n dòrn,
Ga cumail teann gu’m brist an t-snaim
Chuir naimhdean air ar sròin;
Is beannachd dùbailt dha na suinn
Nach leinn am fuil no’m feòil
Gu Picton grinn ’s na ghabh os làimh
Bhi cumail ceann an ròp.


[178]

Beannachd uainn gu Teàrlach Bàn,
Tha ghnàth air taobh na còir,
Is do na sàir a ghlac a làmh
A’ cumail chàich air dòigh;
’S dha’n Olla chaomh tha fhuil cho blàth
A bàrcadh suas na cròic
A’ cluinntinn càramh luchd a ghràidh
An Eilean ard a’ Cheò.

Slàn le doilgheas, slàn le daors;
Tha m’ aois air tigh’nn le còir
Tri fichead bliadhna còig ’s a h-aon
Cha bhi mo shaoghal mòr;
Cuiream mar fhiachaibh air mo dhaoin,
Ma bhios e ’mhaoin fo m’ chòir,
Gun càirich sibh mo dhùst ri taobh
Mo chéile gaoil fo’n fhòd.

titleFreagradh do Ghaidheil Ghrianaig
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page