[20]

SORAIDH LE EILEAN A’ CHEO

LUINNEAG:–

Soraidh leis an àit’,
An d’ fhuair mi m’ àrach òg,
Eilean nan beann àrda,
Far an tàmh an ceò;
Air am moch a dh’ éireas,
Grian nan spéur fo ròs,
A’ fuadach nèul na h-oidhche,
Sòillseachadh an Stòir.

’Cur m’ aghaidh air Glaschu,
B’ airtneulach mo chéum,
’Cur mo chùl ri càirdean,
Nochd am bàigh cho tréun;
Ghluais ar buadhan nàduir,
Ann an gràdh dha chéil,
Shruth mo dheoir a bhàn,
Is dh’ fhàilnich guth mo bhéil.

Co aig am beil gràdh,
No tàlantan na cheann,
Is déigh air obair nàduir,
Nach toir stràchdan ann;


[21]

Sasunnaich is Stàdaich,
Agus àireamh Ghall,
A chosdas cuid de m’ maoin,
A dh’ fhaicinn taobh Choir-eang.

Flodagaraidh sgiamhach,
C’ ait ’eil d’ fhiach de grùnnd,
’S ainmeil an crodh dàra,
A dh’ àraicheadh air d’ fhònn;
Is ’n uair a thig an oiteag,
Bho Lochlann òirnn a nàll,
Séideadh air Sroin-Bhìrlinn,
’S cùbhraidh gaoth do bheann.

Tha ’n sneachda is an neòinean,
A’ pògadh bèul ri bèul,
Shàmhradh is a ghéamhradh,
Ann an ceann a chéil;
Canach air do mhòintich,
’S lògar air gach féith,
Muran air do chruachain,
’S luachair air do réisg.

Creag-Shniosdail nam biatach,
Fraigh-shnighe sios gu ’bonn,
Cruinneachadh na ’loch
’S an seòladh coit is lòng;
’S ged bhiodh neach leprosbaig,’
Chan fhaiceadh e a grùnnd;
Bho ’n nigh Fionn a chasan,
Dh’ fhag e ’n t-uisge donn.


[22]

Tha do lochan riomhach,
Sìnnte stigh feadh d’ eang,
Dealachadh ri chéile,
Réidhleanan is bheann;
’S ma tha neach le léirsinn,
Chan i bhrèug a th’ ann,
Chi iad bhàrr do shléibhtean,
Pàirt de dh’ Eirinn thàll.

’S aoibhneach Eilean Asgrab,
Fàilteachadh nan tonn,
’S uaibhreach creagan Gheàrraidh,
Sàilean fos an cionn;
Suas gu ruig thu ’m Fàsach,
Far an tàmh an sonn,
Stéinn is Sgòrr-a- bhàigh,
An t-àite ’s àille fonn.

Seall fo Chaisteal Uisdein,
Feasgar ciùin gun cheò,
Ghrian a’ dol san iar,
’S a dreach air fiamh an òir;
An cuan na leabaidh dhion,
Do dh’ iasgaibh de gach seòrs,
Is buar a’ dìreadh suas,
Gu ceann Bòrd-uain’-Mhic-Leòid.

Seallaibh o’n a’ Chrannaig,
Madainn ghreannach fhuar,
Nùll gu Eilean Liandail,
’S a’ ghaoth ’n iar tighinn tuath;


[23]

Tonnan air an riasgladh,
’G éirigh sios is suas,
’S bàtaichean le ’n iasgairean,
Cur siar nan stuadh.

Seallanna bu bhriagha,
Riamh chan fhaca sùil,
Spréidh a mach ga’m fiarach,
Maidinn ghrianach chiùin;
’N uiseag air a sgiath,
Seinn gun fhiamh a ciùil,
’S an ceò mu cheann Beinn Dìonabhaig,
’S an sliabh fo dhriùchd.

Suidh air Cnocan-uain’,
Air Cruachan is Saoi-bhéinn,
Seall gach taobh m’ an cuairt duit,
Eadar cuan is tìr;
Sgoirebreac nan stuadh,
’S na thogadh suas na sùinn,
’S Dòmhnullaich nam buadh,
Cur snuadh air Port-a’-Rìgh.

’S iomadh rosg a dh’ iadhas,
Sealltainn sios le sùil,
Air do chreagan iargalt,
Air gach lian is stùc;
Thig uaislean na ’n ciadan,
’N uair tha bhliadhna ciùin,
Tional as gach ceàrn,
Air bàtaichean na smùid.


[24]

Eileanan a’ chuain,
M’ an cuairt duit air gach àird
Seallaidh iad le uamhann,
Air do stuadhan ard;
’N uair a dh’ eireas buaireas,
Eadar cuan is tràigh,
Ni Mol-Staphain nuallan,
’S uair dhaibh bhith na ’n tàmh.

Mhuinntir chòir tha làthair,
’S a tha tàmhach ann,
Cumaibh suas ur gnàths,
Ur bàighealachd ’s ur cainnt;
Tha mòran a dh’ fhàg e,
An ceàrnaidh fad o làimh,
Chuimhnicheas le gràdh,
Beul-àtha-nan-tri-allt.

’N uair ràinig mi ’n t-àite,
’N d’ fhuair mi m’ àrach òg,
Far an robh ar n-àiridh,
Spréidh le ’n àl mu’n chrò;
Choltaich mi ri Gàidhlig,
Torman tlàth nan lòn
’S aoibhneach leinn, a Mhàiri,
D’ fhaicinn slàn ’s tu beò.”

Seinneadh gach fear-ciùil,
Le mùirnn a dhachaidh fhéin,
’S cumaibh suas a cliù,
Ma bhios ur cùrsa réidh;


[25]

Ach cha ghabh sinn mùiseag,
Os ur cionn gu léir,
Nach ’eil spot is cùbhr’,
Air an laigh driùchd o nèamh.

Soraidh leis an àit’,
An d’ fhuair mi m’ àrach òg,
Eilean nan beann àrda,
Far an tàmh an ceò;
Air am moch a dh’ éireas,
Grian nan spéur fo ròs,
A’ fuadach nèul na h-òidhche,
Sòillseachadh an Stòir.

titleSoraidh le Eilean a’ Cheò
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page