FEAR DHUN-TUILM AGUS A CHUIDEACHD.
LUINNEAG:—
Sud far an robh’n còmhlan sona,
Dheanadh càl ’s a dh’fhuinneadh bonnaich;
Sud far an robh’n còmhlan sona,
’S cha b’e n comunn Gallda.
’S fhad o’n chaidh eachdraidh Dhun-tuilm,
Far an tric an d’rinneadh cuirm;
’S o’n a chaidh sinne na seilbh,
Gun seirm sinn dha ar clann i.
’S o’n a tha mi nise tàmh,
Far an tric an robh na sàir,
A’ cumail cuimhn’ air cliù nam bàrd,
Gun dean sinn dàn an dannsaidh.
’N uair chaidh Mairi, nighean Iain Bhàin,
Latha seachad sios an tràigh,
Bhuain i duileasg ’s rinn i càl,
’S gum b’àbhachdach na cheann sinn.
’N uair a chaidh e air a’ mhèis,
Sud an diathad ’s an robh a’ bhrìgh,
’S mor gum b’fhallain’ i na’n tea
No nì thig bharr na Galldachd.
’N uair a ghabh gach aon an leòir,
Thug Cairistiona leatha ’n còrr,
Chuir Miss Màiri suas an ceòl,
Is thòisicheadh an dannsadh.
’S an ath uair a rinn sinn càl—
B’i ’n còcaire Seònaid Bhàn—
Bha e fichead uair na b’ fheàrr,
’S mo làmh gun d’ thug sinn taing dhi.
Gabhaibhse beachd air Dun-tuilm,
’N uair a shuidheas e aig cuirm,
Chan fhaicear ann fear a shuilbh,
A Ghàidheal cuimte, ceannsgalach.
Tha beannachd nam bochd na sgiath,
A’ h-uile céum a ni e triall,
’S fheàrr dha sud na iomadh ciad,
A bhiodh aig spìoc le gamhlas.
Chuala mis’ le mo chluais,
Toirt òrduigh dh’a chloinn le truas,
“Bithibh bàigheil ris na truaghain,
Fhad ’s bhios fuachd a’ gheamhraidh ann.
A chiad tigh a bhìos gun dìon,
Aig seana bhean a bhìos gun rian,
Cuiridh e luachair is sìomain,
Is daoine sìos chur ceann air dhaibh.
Thig na bantraichean na’n triall,
Ann an tìmean cruaidh na bliadhn’,
’S falbhaidh iad le làn nan cliabh,
A chloimh, ’s a bhiadh, ’s a dh’annlan.
Sud an tigh ’s am beil an ciall,
’N uair a shìneas iad gu gnìomh,
Té ri càrdadh ’s té ri snìomh,
Is té cur rian air annlan.
Chan ’eil snàthainn a th’ air a dhruim,
Gus a’ bhoineid air a cheann,
Nach e bhaintighearnan a rinn;
’S ann ac’ tha’n t-suim air abhras.
Ach o’n chaill an sluagh an tùr,
’S a thoisich am fasan ùr,
Tha iad a nise gun lùths,
’S cha dean iad tùrn ach Galldachd.
Ach cuimhnichibh, a luchd mo ghràidh,
Comhairlean an Doctor Bhàin—
“Thugaibh pailteas as an tràigh,
Is deanaibh càl air deanntaig,”
’S o’n a dh’fhalbh an Doctair Bàn,
Cha bhi duil againn gu bràth,
Ri fear a sheasas dhuinn na àit,
Ach ’s math am plàsd a chainnt dhuinn.
Tha mi’n duil gum faigh sinn bàrd,
A ni dhasan rogha dàin,
Theid a sgrìobhadh air a chàrn.
A nis o’n dh’fhag a chainnt e.
Sud far an robh’n còmhlan sona,
Dheanadh càl ’s a dh’fhuinneadh bonnaich;
Sud far an robh’n còmhlan sona,
’S cha b’e n comunn Gallda.
title | Fear Dhun-Tuilm agus a chuideachd |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |