[191]

ATH-URACHADH M’ EOLAIS,

DA ORAN GU CARAID ANN AN DUTHAICH CHEIN.

Chuir a’ bhana-bhàrd an litir a leanas gus an Urramach Cailean Caimbeul, ministear an t-soisgeil ann an Eilean Phrionns Edward, an cois an òrain a leanas:—

A charaide,–Tha mi toilichte gun do rainig thu slàn, agus gun d’fhuair thu do theaghlach agus do choimhthional mar bu mhath leat, agus gun robh beò fhathast dhe mo chàirdean na thigeadh mìltean a choimhead an fhraoich agus na mòine a chuir mi leat. Is iomadh beairt mhòr de fhraoch-easraidh agus eallach de fhraoch-siomain a thug mi fhéin agus do mhàthair o uchd na Cruinne-Bheinn, agus eallach luachair-bhualadh a ghoid sinn a Tobht-Ardair. Chan ’eil dhe’n t-seorsa sin an so a nise. Is beag a shaoileadh do mhàthair gun robh mi fhichead bliadhna agus a h-aon gun ghas fraoich fhaicinn, no uiread agus sguabach a bheireadh sgrìob air an tigh gus an an do thachair dhomh air àraidh foghair a dhol seachad air buth ann an sraid Earra-Ghaidheal ann an Glaschu. Chunnaic mi bocsa lan fraoich agus eòin a chuir na Sasunnaich fhad-chasach, a spuill ar duthaich aghmhor, a Ghlaschu ga’n reic. Thug mo chridhe leum as le toil-inntinn. Shaoil leam gum bu leam fhéin am fraoch agus na h-eòin. Dh’fhoighneachd mi dhiubh ann an Gàidhlig an reiceadh iad am fraoch. Fhreagair iad mi ann am Béurla chruaidh nach reiceadh. Thìll mi mach, sheas mi


[192] air an t-sràid agus thuirt mi na mo chridhe,–“Gheobh mise fraoch agus neo-ar-thaing dhuibh.” Mar a thuirt b’fhìor. Dh’ullaich mi mi-fhein agus thog mi orm gu sunndach air an ath Dhi-luain; rainig mi an Broomielaw; leum mi stigh do shoitheach na smùide, an “Clansman.” Cha chreid mi nach abair thu gu bheil an iorram a leanas mar gum b’ann a freagairt do ghleadhraich a cuid ùpraid.

LUINNEAG:—

Is uallach mi ’cur cùl ri m’ aineol,
Fàgail Chluaidh gu tìr nam beannaibh;
’S uallach mi ’cur cùl ri m’ aineol,

Is toilichte mi’n tus an t-samhraidh,
Gabhail cuairt gu tir nam beanntan,
’S mo luchd-dùthcha orm cho daimheil,
’S nach ’eil taing agam ri faradh.

Is toilichte mi falbh gu m’ eòlas,
Suas a dh’Eilean uain’ a Cheò,
Far na dh’ àraicheadh na seòid,
Nach deanadh foirneart air an ainnis.

’S ged a tha mo cheann air liathadh,
’S aois a’ gealachadh mo chiabhag,
’N uair nochd mi ri Eilean Diarmaid,
Dh’fhalbh na striachan as mo mhala.

’N uair chunnaic mi mullach Ghlàmaig,
Taobh Beinn- is Ruighe-Mhàrsgo,
Shaoil leam fhéin gun d’ fhas mi làidir,
Leis an fhàile far nam beannaibh.


[193]

Peigh’nn-a- chorrain is an t-Olach,
’S Lag-a- Bhaile ’n t-àite còmhnard,
Far am biodh na gillean òga,
’G iomain gu bòidheach le camain.

’S ged a bha mo chridhe leòinte,
Snidhe bho mo shuil a’ dòrtadh,
Faicinn Ratharsair gun Leòdach,
Rinn mi sòlas ri Dun-canna.

Cha téid ainm an dùin a chaochladh,
Fhad ’s bhios Leòdach beò ’s an t-saoghal
’N dùn air an laigheadh na caoirich,
Dùn gaolach Mhic-Ille-Chaluim.

Lady D’Oyly thug i gràdh dha
A shliochd Iain Ghairbh an duine dàicheil
Thall ’s na h-Innsean rinn i dàn
An dùin is àird’ os cionn na mara.

Leagh mo chridhe stigh an Udairn,
Sgoire-breac am beachd mo shùilean,
Bha na laoich a dheanadh taobh rium,
Fad o’n dùthaich, ’s iad fo’n talamh.

Chan ’eil fàth a bhith ga iarguin,
Bho’n s e a bha ’s an riaghladh,
Ach bidh fuigheal beò dhe’n iarmad,
Fhad’s a mhaireas grian is gealach.

’N uair ruigeas mi Uilleam Stiùbhart,
Chi bhi eagal dhomh no cùram,


[194]

Thig am botal as a’ chùlaist,
’S cha bhi caomhnadh dhuinn an drama.

Chan e fodar ’s chan e sùgain,
Tha a’ tubhadh do chuid tùran,
Tha na sgliatachan cho dlúth ann,
’S nach tig drùghadh orr’ ri gaillinn.

Rinn mi sòlas ris na cruachain,
Ris na glìnn is ris na cuaintean,
Far am biodh ar clann cho suaimhneach,
Cuallach a’ chruidh-laoigh a’ s t-earrach.

Rinn mi solas ris na h-aodainn,
Dh’fhalbhadh leam ’n uair bha mi aotrom,
Buain nan dearcag feadh an fhraoich,
’S a’ bhleoghan chaorach anns a’ mhainnir.

’N uair a ràinig mi Gleann Ois,
’S ann shaoil leam gun cual’ mi còmhradh,
Aig gach gleann, is glaic, is òb
A Mhàiri, ’s math do chòir ’s a’ bhàile.”

Cha robh faiteas orm no nàire,
Ruigheachd Chlann-Ic-Rath Chinn-tàile,
Ach dh’ iondrainn mi an crathadh làimh
Bho ’n tric a fhuair mi fàsgadh gramail.

Dh’eirich mi madainn Di-ciadain,
’S dh’fhag mi tigh an diùlnaich fhiachail,
Treis m’ an d’ éirich a ghrian,
’S gun tug mi ’n sliabh orm na m’ dheannaibh


[195]

Ràinig mi Sgairinis ìochdrach,
’S shuidh mi air an dùn bu mhiann leam,
Ghabh mi sealladh dhe na criochan,
Nach diochnimhnich mi ri m’ mhaireann.

Tharta-mheall mhór nan each àluinn,
S Beinn-a- chearcail cruinn mar dh’ fhàg mi,
Null gu bruthaichean Torr-sgàlair,
Lag-nam-màrach ’s Cnoc-na-feannaig.

Dh’eirich a’ mhadainn cho grianach,
’S bogha-froise anns an iarmailt,
Ag innseadh gum bristeadh na siantan,
’S nach biodh dìon orm na ’m fanainn.

Thog mi orm le cridhe cianail,
’S ràinig mi ’n tigh air mo phianadh,
Bha Clann-Dòmhnuill rium cho tìorail,
’S ged nach fàgainn riamh am baile.

Thuirt bean-an-tighe rium gu càirdeil
A nuas an cheann so dhe ’n fhàrdaich,
’S eagal nach bi ’m fuachd na d’ fhàbhor,
’S fheàird thu, Mhairi, làn na glaine.

Olaibh as i air ar slàinte,
Chum gun soirbhich sinn ’s an àite,
Bho’n a chuala sibh mar thà,
Gur ann a thàinig sinn a Barraidh.

Fhir a shiùbhlas gu ur criochan,
Thoir ar beannachdan na ’n ciadan,


[196]

’S innis ged tha ’n t-Eilean sgiamhach,
Chaoidh nach dìochuimhnich sinn Barraidh.

Ged tha’n t-Eilean lan de dh’ òigridh,
’S diulnaich sgoinneil mar bu chòir dhaibh;
Ged bhiodh aca pailteas stòrais,
B’fhearr leam òigearan a Barraidh.

’S ann their Uilleam rium gu stàirneil,
’N uair a shìneas sinn air mànran
Cha ghabh mise bean gu bràth.
Ach theid àrach am an Barraidh. ’”

FIOS EILE GU CALUM URRAMACH .—

Tha mi nise dol a chur na do chuimhne an conaltradh a bha agam fhéin agus agad fhéin an uair a choinnich sinn a chiad uair, agus gun fhios againn nach i an uair mu dheireadh, ann am Bothan Ceann-na-coille.

titleAth-urachadh m’ eolais
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page