NA THRIALL UAINN.
AIR FONN:— “Thug mi gaol do’n fhear bhàn.”
LUINNEAG:—
Bha mi cuimhneachadh riamh,
Air na thriall uainn air sàil,
Air gach fleasgach ’s maighdeann donn,
Dh’fhalbh air long nan crann àrd’.
’N uair a thainig Mac-Nìomhain,
Dha’n tìr bha e searbh,
Le long chrannagan trì,
Thoirt ar dìlsean air falbh.
Measg air son a shil mo dheòir,
A bha dòrtadh gu làr,
B’ann diubh teaghlach Chaluim Mhòir,
Thug air mòran diubh bàrr.
Bha mi cuimhneachadh air Ian,
Air Catrìon agus càch,
Is air Aonghas mo rùin,
Dh’fhàg a chliù ’n déigh a bhàis.
Bha mi cuimhneachadh Iain Chaimbeil,
’S na suinn ’s an robh bhàigh;
’N uair a chuidhtich iad am fonn,
Dh’fhag e m’ ìnntinn fo phràmh.
’S iomadh eachdraidh tha na m’ chuimhn
Air na linntean a bhà,
Bha mi cluinntinn mu theintein,
Iain Chaimbeil ’s Iain Bhàin.
Cha b’ e ’n comhradh gun tuaiream,
Theid troimh m’ chluasan an dràst,
Chluinninn anns na tighean-luaidh,
Seinn nan duanagan àigh.
Thainig caochladh air ar tìr,
’S air an lìnn a tha làth’r,
Bho’n a shìn iad air an tea,
Mhill i ’n ìnntinn ’s an càil.
Bha mi suidhe le mnaoi chòir,
Mar bu nòs gabhail tràth,
’N uair a chuala mi gu fòil,
Fuaim na còmhla le d’ làimh.
’S cinnteach gur a coigreach thu,
Thainig ùin’ air mo sgàth,
’S a tha luaidh air m’ ainm cho caoimhneil
Le greim air mo làimh.
“ ’S coigreach mise ’n déigh mo lìnn
Bha ’s a’ ghleann so a’ tàmh,
Mac Catrìona Chaluim Mhòir,
’S tu bha eòlach m’ a gnaths.”
“Bheil do mhathair ’s d’athair beo?—
Innis dòmhsa gun dàil—
Bheil iad uile air an dòigh,
Faotainn cò-roinn dhe ’n t-slàint’ ?”
“Tha mo mhàthair fhathast beò,
Tha mi ’n dòchas is slàn,
Ach tha m’ athair anns an ùir,
Cian bho dhùthaich a ghraidh.
“ ’N uair a bha sinn ’n ar cloinn,
Cruinn mu ’n teintein a’ tàmh,
’S tric a dh’uraicheadh e chainnt,
Cumail cuimhn air Ian Ban.”
“Thig a stigh, fhir mo ghaoil,
Suidh ri m’ thaobh ’s thoir dhomh pòg,
Gus an deasaich mi dhuit biadh,
’S cha teid sgian air a’ bhòrd.
“Suidhidh sinn mu ’n bhord a bhàn,
Mar a b’ àbhaist duinn òg,
’N uair a bhithinn fhìn ’s do mhàthair,
Air àiridh nam bò.
“Nì mi bonnaich bheaga chruinn,
Mar bha cuimhn agam òg,
Air an cuibhrigeadh le ìm,
’S air an lìobhadh le ’meòir.
“Mar is tric a rinn do sheanamhar,
’S gum b’ainmeil a dòigh,
Riarachadh nam bonnach-luirg,
’S cha b’e falbh a bhiodh oirnn.
“Shineamaid a mach do’n bheinn,
’S cha bhiodh troidht oirnn de bhròg,
Ach na mogain ’s an crios feilidh,
Cur snaim air a chòt.”
Tha do chàirdean agus do luchd-gaoil a’ cur an durachd so ad ionnsaidh anns an dà rann a leanas:—
Gu robh lorg do chasan sgiamhach
’S an t-sliabh leis an àithn,
Riaghladh teachdaireachd na sìochainnt,
Air iarmad mo ghràidh.
Beannachd leat a nis, a rùin,
’S faigh mo dhurachd gu bràth,
’S gu robh d’ obair air a crùnadh,
Le ùngadh nan gràs.
title | Na thriall uainn |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |