COMHRADH NAN CNOC:
Eadar Torr-a- Bheathain, Creag-Phàdruig agus Cnuic eile ann an Coimhearsnachd Inbhir-Nis.
EARRANN I.
TORR-A- BHEATHAIN.—
Fàilt ort fhéin, a Chreag-Phàdruig,
’S tu tha’n dràsd air do ghoireas,
Bho’n a fhuair thu gu d’àilgheas
Na chuir an Phàrlamaid duine
’Sheasas onair ar càirdean,
Agus pàirt ar cuid cloinne,
’S ma thig coinein no fiadh oirnn
Théid an siabadh le gunna,
’S le luaidhe ghlas.
CREAG-PHADRUIG.—
’Thòrr-a- Bheathcin nam frògan!
’S mi tha deònach riut éisdeachd,
’S iomadh là agus bliadhna
Tha sinn am fianuis a’ chéile;
Ach cha’n ann mar an seòrs’ ud
Tha cur an òrdugh na cléire,
’S ann tha iad coltach ri leòghainn
A’ gearradh sgòrnain a’ chéile,
’S tha bhlàth ’n a chois.
TORR.—
Nach ’eil truas ann ad chridhe
Ri cuid mhòr dhe luchd-éisdeachd,
Tha mar chaoraich an tuaineil
’Dol mu’n cuairt ’s iad gun léirsinn,
’G éisdeachd teagasgan uamhrach,
’S nach ’eil buanachd no éifeachd?
’S e cheud cheist théid a luaidh riu,
’N d’fhuair thu’n t-Uan mar do chéile,
’S bheil thu aig fois?
CREAG.—
’S mòr mo thruas ris a’ chuid ud,
Tha gun tuigse gun léirsinn,
Dh’òlas deoch as gach sùileig,
’S ged bhiodh grùid ann cha léir dhoibh;
Cha’n ’eil feum ac’ air ùrnuigh,
’S tha na cùiltean gun fheum dhoibh,
’S ged a gheibheadh iad puinnsean,
Cha’n eil tùr ac’ a leughas,
Na th’ air a’ chairt.
CREAG.—
An cual thu iomradh mu’n duin’ ud
Thainig thugainn thar chuantan,
Cha b’e idir cion àite
Thug thar sàil e g’a thuairgneadh,
Ach dh’fheuch am faigheadh e ’shlàinte,
Bho’n a dh’fhàg i car uair e,
’S ged is duine ’fhuair gràs e
Nach fhaic thu’n càradh a fhuair e,
Bho chléir gun iochd.
TORR.—
’S math is aithne dhomh ’n duine,
’S e do fhìor fhuil Chlann-Dòmhnuill,
’S mar a rinneadh a chàradh
Le cuid de ’bhràithrean gun tròcair,
’S ann bha eagal air pàirt diubh
Gu’n robh ar gradh tuillidh ’s mòr dha,
’S gum bi’dh iad fhéin air am fàgail
Air am màgan ’s an òtrach,
’S an sluagh cho pailt.
CREAG.—
An cual thu riamh am fear beag
A chaidh an Easaich shuas àrach,
’S math a b’aithne dhomh ’shinnsir,
Oir bha mi’n tìm bho linn Adhamh,
’S ma ’s e ministeir sgìr’ e
Chur iad clì air a cheaird e,
’S ann a b’ fheàrr gu cur sil e,
No gu cliathadh is ràcadh,
’S an déigh each.
TORR .—
An cual thu Caimbeulach Pheitidh
Bha riamh cho beadaidh ’n a chòmhradh,
Ach chaidh glomhar an dràsd ann
Le Maighstir Bàillidh na Mòighe;
Pàirt de chomhradh cho tàrail,
’S e cur chàich as an òrdugh;
Ach na ’m bu mhise maor-eaglais
Chuirinn seachduinn air stòl e
Le leine fhliuich!
CREAG .—
An cual thu riamh am fear tiugh
Thàinig thugainn a Eirinn,
Le chuid ghuthanan fuaimneach,
’S mòran uaislean ga éisdeachd;
Pairt de theagasg cho buadhach,
’S e toirt sluagh as an Eiphit,
’S ged thug e cuid troimh ’n Mhuir Ruadh dhiubh,
Fhuair am buaireadair feum dhaibh,
Le mac-na-braich.
TORR.—
Tha cuid eile ’n ar nàbachd,
’Sinn nach fhàg iad air dheireadh,
Daoine fuathasach gràdhach
’S iad air àireamh na cloinne,
Ach bodaich bheaga Srath Fharacaig,
Leis an àrdan ga’n dalladh,
A’ cur eadar na bràithrean,
’S a togail gàraidh a’s callaid,
Mu Dhòmhnull Duff.
CREAG.—
Nach fhaod sinn fhoighneachd do ’n Leachdainn,
Gu dé do bheachd air an t-sluagh ud
Bha aon uair na’n càirdean,
’S a sheas mar bhràithrean ’s a chruadal?
Ann an tìm an Disruption,
Daoine sheas ri ar guaillibh,
Nis a’ tionndadh an còta,
’S taobh na feòla an uachdar,
Gu biadh do choin.
LEACHDUINN.—
Bho’n a chuir sibh a’ cheist rium,
Bheir mi freagairt ’n a thràth dhuibh,
’S mòr mo thruas ris na daoin’ ud,
Tha bristeadh daonan na h-àithne;
Bha mise iomadh ciad bliadhna
Suidhe sios ann an sàmhchair,
Ach tha mi nis air mo phianadh
Le sluagh gun chiall ann am nàbachd,
’S tigh mòr air cnoc.
Co’n dràsd tha ’s a choire?
Tha sin soilleir r’ a leughadh,
Tha Mac-Aoidh agus Colvin
’’Tigh’n an còmhail a chéile;
Maighstir Friseal na h-àirde,
Ged a b’ àrd anns a’ chléir e,
Dhùin e dorus na h-eaglais
’N uair bha ceistean gu’n leughadh
Le Mac-Cola math.
TORR.—
Ged tha Mac-Aoidh ’n a dhuine
Tha gle ghoirid ’n a nàdur,
’S tric a chunnacas Criosduidh
Air a phianadh le Sàtan;
Bho’n tha’n luibh ud cho fiadhaich,
’S gur i ’s freumh ’na ar nàdur,
Ach bithidh de chreideamh an uachdar
S’ gheibh e buaidh air gach nàmhaid,
’S air Colvin glas.
TORR.—
Gum bu slàn dhuit, a Leachduinn,
Bha riamh a’ labhairt na fìrinn,
Cha robh camadh no fiaradh
’Na da bheul bho do shinnsir;
’S ged bha cuid air am pianadh
Le luchd-riaghlaidh gun dillseachd,
Chuir am Frisealach srian riuth,
’S chuir e sios anns an dìg iad,
G b’ oil le’n corp.
CREAG.—
Nis théid crioch air ar seanchas
Tha e searbh le cuid éisdeachd,
’S ged a thog sinn ar n-ainmean
Cha’n ann le farmad no eud riubh;
Ach bho’n a tha sibh ’g ur tachdadh
Le cuid a cheistean gun riasan,
Leanaidh sinne an dòigh chleachdaidh
Bha aig na h-aithrichean diadhaidh
Bha ann an Ros.
TORR.—
Nis bho’n chriochnaidh am batailt,
Cumaibh taic’ ri ur ceannard,
Feuch gum bi sibh ag ùrnuigh,
’S an deadh rùn do ar naimhdean,
Bho’n nochd iad le’n cùl-chainnt,
An droch dhùrachd ’s an naimhdeas;
Ach thugaibh deoch dheth na bhùrn dhoibh,
Feuch an ùraich e ’n ain-teas,
Ma thig an tart.
EARRANN II.
TORR .—
An cual thu nis an dòigh ur
A fhuair luchd ùrnuigh a’s éisdeachd,
Cur nan organ fo’n chùpaid
Mar bhios luchd-ciùil air na féilltean,
’S iad ga thoinneadh ’s ga thionndadh
’S nach tuig thu dùrd de chuid teudan,
’Seinn nan salm leis na maidean,
’S do chridhe cadal fo éisdeachd,
Cho cruaidh ri cloich.
CREAG.—
’Thòrr-a- Bheathain, bi sàmhach,
Ni cuid tàir air do chòmhradh,
Ged tha sinne fo sgàil,
An Tì is àirde ga’r còmhnadh;
Na’m biodh daimh agus caoraich
A chuid cho saor ris na h-orgain
Rachadh iad fhathast air altair
’S Criosd a ghlasadh an clòsaid,
Na’n deach ac’ air.
TORR.—
Cha’n uair dhòmhsa bhi sàmhach
’S beanntan àrda ’toirt thairis,
’Tuiteam sios le sruth nàduir
’S cumhachd Shàtain ga’m mealladh,
’S iad a’ saoilsinn mar dhaoine,
Gur iad is naomha air thalamh,
Ach seinnidh mise mo thrompaid,
Dh’fheuch an tionndaidh mi’m barail
Mar rinn Iain Knox.
CREAG.—
Ged a sheinneadh tu trompaid,
Agus tiumpan a’s clàrsach,
Gus ’n tig cumhachd bho’n Ughdar,
Cha dean t-iompaidhean stà dhuit,
Ged bu Phàdruig is Seumas,
Agus Enoch is Pol thu;
’S e their Moodie is Sankey,
Tha thu fhathast ’s an Eiphit,
’S tha sinne ceart.
TORR.—
Fàgaibh Moodie is Sankey
Ann an starsaich staid nàduir,
’Toirt air creutairean peacach,
Bhi deanamh aidmheil nan’ làthair,
’S iad le féinealachd bheachdan,
’Toirt a chreach bho’n fhear làidir,
Toirt dhoibh deochanan cadail,
’Chuireas airteal air pàirt diubh,
Nach dùisg iad as.
CREAG.—
Slàn le Moodie ’s le Sankey
’S their sinn focal d’ ar càirdean,
Cuid dhiubh ’m fianuis na Leachduinn,
’S cuid dhiubh sgapte ’s an fhàsach,
’N uair thòisich aonaidhean ’s ceistean,
Agus breislichean nàduir,
Dhùisg Dun-tuilm a’s Dun-bheagain,
Dun-Bun-Neachdain ’s Creag-Phàdruig,
’S gach gleann is glac.
TORR.—
’S ann an sud a bha’n iomairt,
Gach aon le’n cinneadh ’s le’n càirdean,
Cuid dhiubh seasamh gu duineil,
’S cuid dhiubh tilleadh bho’n àithne,
Ach ’n uair a chruinnich iad uile,
Air an tullaich a b’àirde,
Ghlaodh mac-talla nan creagan,
’S thuirt Dun-Bun-Neachdain ri pàirt dhiubh,
Nach robh iad ceart.
EARRANN III.
CAISTEAL-RUADH.—
’S ann ormsa thàinig an caochladh
Bho’n chaidh sgaoileadh am fhàrdaich,
’S cuilein leoghain mo ghaoil,
An diugh g’a chaopadh aig Nàbal,
Bidh mi smaointinn am ònar
Na’n robh an Tòiseachd mar bha i,
Gu’n deach trompaidean fuaimneach
A sheirm an cluasan luchd-màbaidh,
Mo thréubh ’s mo shliochd.
GREAG-A- CHOBHA.—
Ged tha’n Tòiseachd air caochladh,
Gum beil faobhar air pàirt dhiubh
’Sgathas còmhlach an t-saoghail,
’S a bheir maoladh air àrdan,
Dh’fhag an Dòmhnullach dìleab
Dhoibh nach dìobair gu bràth iad,
Bheir a’ mhisneach bho Iudas
’S bho gach ùmaidh bheir làmh dha
Le firinn ghlain.
CAISTEAL.—
Tha cuid fhathast ann ’làthair,
Sheasas pàirt mo chuid cloinne,
Tha Mac-Cola ’s Mac-Aoidh
’S laoch ro dhàicheal an Urraigh,
Tha Nehemiah dìleas
Ann am frìthean Srath-Narann,
’S cha’n ’eil Sanballat ’s an rìoghachd,
Bheir air gu’n dìobair e ’m balla,
Gu’m bi e ceart.
SRATH-NARANN.—
Tha fear eil’’ ann an Creich dhiubh,
Duine misneachail, làidir,
Cuiridh ùrnaighean clisgeadh
Air luchd-bristidh na h-àithne,
Chuala mise Inbhirnis
’S bailtean measail ag ràdh
Gu ’n cuireadh sealladh dhe aodann,
Crith air daormuinn gun ghràsan,
Mu ’n can e smid.
INBHIR-NIS.—
’S ann tha mis’ air mo phianadh
Le luchd-riaghlaidh gun ghràsan,
A chuir ceann anns an iarmad,
Bha iomadh bliadhn’ air mo shràidean;
Thàinig fear dhiubh á Eirinn
Thuit rium gum b’ fheumail dhomh fhàgail,
Ach bidh mo thaic ris a’ Chudainn,[Clach-na-cudainn—The Palladium of Inverness.]
’S bheir mi dùlan do phàirt dhiubh
Mu ’n téid mi as.
CLACH.—
Am fior an sgèula mu Ghlaschu
Bhi cumail taic ris na càirdean
Tha iomadh mìle bho Leachduinn,
A dh’ fhàg fasgadh Creag Phàdruig?
’S ’n uair a sheinneas e chaismeachd
Air moch maduinn na Sàbaid
Chi thu mìltean do ghaisgich,
’S h-uile neach dhiubh ’n an Gàidheil,
A’ tigh’nn a mach.
CLACH .—
Innis dhomhsa mu Ghlaschu.
Bho’n tha thu tacan a’ tàmh ann,
Am bheil teachdairean ceart ann
A tha cleachdamh na Gàidhlig?
Tha leithid do chaochlaidhean bheachdan
A’ tighinn am fasan an dràsda,
’S mur bi sluagh air am faicill
Théid an creachadh mu ’n tàr iad
Bhi teicheadh as.
MAIRI.—
Tha laoich ghaisgeil ’s a chòmhrag,
Air Sràid an Dòchais a’ tàmhachd,
Maighstir Urachadain còir,
’S an diùlnach òg ud, am Blàrach,
An saighdear duineal ud Gordon
’S an t-Sràid Chòmhnard mar b’ àbhaist,
’S ’n uair dh’ éireas esan ’s a chòmhrag
Théid na h-orgain nan clàran,
’S an cur na ’n smash!
title | Comhradh nan Cnoc |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |