RANNAN DEALACHAIDH.
Rinneadh na rannan so aig an àm anns an robh Mr Todd a’ falbh do dh’ Africa-a- Chinne-deas.
O chunnacas le do bhràithrean
Gur e gràs a chuir an snaoim,
’S nach e tuigse nàdurrach,
No ionnsachadh no tàlantan,
Ach tiodhlachdaidh bho ’n Ard-Righ,
Tha e bàrigeadh da chloinn,
Gun cuir iad iompaidh ort roimh d’uair
’Dhol thar a’ chuain gun mhoill.
Ged chrochadhmaid ar clàrsaichean
An àird air bàrr nan crann,
Cha bhitheadh ar bròn ach nàdurra
’N àm dealachadh do chàirdean riut;
Ach seinnidh sinn le gàirdeachas,
’S e gràdh tha ga d’ thoirt ann,
’S tu falbh a chosnadh trid an t-soisgeil
Anamaibh bochd air chall.
Muir is tìr a bhi réidh dhuit,
’S do dhòchas féin ’s a’ Cheann,
Nach dean a chaoidh do thréigsinn
’S a stiùras anns gach céum thu,
’S a bheir dhuit biadh is éideadh,
Ged bhiodh éiginn ort ri àm,
’S nach lion do shiùil le gaoth na féin,
Gu ’n ruith thu réis gu ceann.
Gu robh do chosan sgiamhach,
Air an t-sliabh ’n uair théid thu null,
Le fuaim an t-soisgeil shiorruidh,
’S na mìltean tigh’nn fo riaghladh,
’Bristeadh sios nan iomhaighean,
D’on striochd iad an an-àm,
’S na ni thu chur ni cuid a bhuain,
’S na biodh do sguaban gann.
Ma bhios an sluagh gun bhàigh riut,
’S do chreideamh fàs cho fann,
’S oidhche dhorcha nàduir,
Ga d’ chreachadh dhe na gràsan,
’S tu faicinn rioghachd Shàtain
A bhi g’ àrduchadh a ceann,
Bi thus’ an sàs ’s thig driùchd a bhàn,
Bho Hermon àrd nam beann.
Ma bhios tu air do luasgadh
’S air do thuairgneadh anns a’ ghleann,
Mar chuid a sheas an cruadail
’S na dhéigh a fhuair a’ bhuanachd,
’N uair a dh’ fhuaraich tein’ a bhuairidh,
’S e luchd-fuath aig an robh ’n call,
Oir chunnacas aig an Fhairge Ruadh
An t-saorsa fhuair a’ chlann.
’S bho ’s aon mis’ a measg an àireamh
Chaidh a shàruchadh le foill,
Le easbuigean ’s le bàillidh,
Deanadh innleachdan ro-ghràineal,
Agus saighdean teinteach Shàtain,
Gu mo shàthadh air gach làimh,
Ach dhearbh e dhomh an tìm mo chruaidhs
Gun robh gach bùaidh ’n a làimh.
Ma leughas neach an dàn so,
Do ’n do thàrladh riamh a shamhl’,
Le naimhdean ga do shàruchadh
A’ feuchainn ri do nàrachadh,
’S cridhe cruaidh làn àrdain
Gabhail fàth ort aig an àm,
Seall thusa suas bho dhoimhne chuain,
’S thig fuasgladh an deagh àm.
title | Rannan Dealachaidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |