TURAS DO ’N EILEAN SGIATHANACH,
AN DEIGH A BHITH FADA GUN FHAICINN.
LUINNEAG:—
Tha deich is fichead bliadhna,
Bho’n dh’ fhag mi ’n t-Eilean Sgiathach,
’S ’n uair chaidh mi ann am bliadhna,
Bu chianail a’ falbh mi.
Is dh’ fhàg mi e le sòlas,
Is thìll mi ann gu brònach,
’S ann coltach ri Naòmi,
Ge mòr an cliù a dhearbh i.
Is ’n uair a ghabh mi m’ àite,
’S a rinn mi ’n station fhàgail,
M’ an sgioblaich mi mo shawl,
Bha mi ’n àird aig Coille-Tharbhaidh.
Ged dh’ aithnich mise ’n tràth sin,
Gun robh mi measg mo chàirdean,
’N uair labhair iad a’ Ghàidhlig,
Mar dh’ fhàg mi i ’n uair dh’ falbh mi,
Ged bha mo chridhe leòinte,
’S mo shùilean sileadh còmhla,
Gun ghabh mi tlachd an còmhradh,
Nan daoine còire, foirmeil.
Bha Mac-Coinnich as an t-Stròm ann,
Le chabar is le chròcan,
’S gun d’ rinn mo chridhe sòlas,
’N uair thòisich iad ri seanchus.
’S gun d’aithnich mi le chòmhradh,
Le choltas is le chòmhdach,
Gum bu duine còir e—
’S gun d’rinn e dhòmhsa dhearbhadh.
’S ’n uair ràinig sinn an t-Stròm
Bha mi foighneachd mo luchd-eòlais—
Mac-Rath, an duine còir,
Is a theaghlach ordail, ainmeil.
’S ’n uair chaidh mi anns a’ bhàta,
’S a dh’fhàg mi taobh Chinn-tàile,
Gun d’ fhuair mi cuid is càirdeas,
’N uair ràinig mi tigh Fhearchair.
Fhad’s bhios mi anns an t-saoghal,
Cha dìochuimhnich mi’n caonnag,
A’ sàbhaladh nan daoine
Bha anns a’ chaol gun earbsa.
Le cridhe làn de thròcair,
Is Rìgh nan Dùl ga’n seòladh,
Cur as an deaghaidh còmhlain,
Bha eòlach air an t-soirbheas,
’S ann Latha na Bliadhn-ùire,
’S a’ cheithir-déug a’ tionndadh,
Thug soitheach mor na smùide,
A nùll mi gu Sìol Tormaid.
’S ged bha na tuinn ag éirigh,
’S an dìle bho na spéuran,
An ‘Carham’ cha robh bhéud dhi,
Le sgioba tréubhach, calma.
Bha ’n Captain aig an stiùir,
’S e ga cumail air a cùrsa,
’S an laoch a bh’ aig an fhùirneis,
Ga dùbladh ris an fhairge.
Bha ’n Clachair òg na chlàrc oirr’,
’Thogadh na mo nàbachd,
Na onair mhor dha chàirdean,
’S dha ’n fhàrdaich as an d’ fhalbh e
’S an dithis fhleasgach òga,
Bha frithealadh mu ’n bhòrd dhuinn—
Am buidileir ’s an còcair—
Chan eòl ciod is ainm dhaibh.
Ach dhuibhse rinn an àrach,
’S a thug iad gus an àird so,
Na nochd iad dhuinn a chàirdeas
Cha dean mi ’n dràst a sheanchus.
’S ’n uair rainig sinn Port-righ,
Bha ’n oidhche dubh le dìle,
’S an d’ fhuair sinn deanamh dhuinn
’S a’ phrìosan [Enjoying the hospitality of Mr. Mackintosh, an old Inverness neighbour.] gu neo chearbach.
’S tu fhéin an duine còir,
’S cha do cheannaich thu le òr e,
’S tu fear a Chlann-an-Tòisich,
’S gur mòralach an t-ainm e.
B’ aithne dhomh do bhràithrean,
Is d’ athair is do mhàthair,
Bho ’n bha iad na mo nàbachd,
Gus ’n d’ thug am bàs air falbh iad.
’S ’n uair nochd mi ris an àite,
’S an robh mi òg na’m phàisde,
’S gun chlach a bhith na làraich,
’S ann thàinig tlàth air m’ eanchainn.
Na buthannan gun àiteach,
’S na h-iodhlannan gun ghàradh,
Far ’n tric na ghoid mi càl,
Air gach nabuidh, Oidhche Shamhna.
’N uair chunna mi’n Lòn Bàn,
Agus Dùn a’ chidsin àluinn,
Is bruthaichean Torr Sgàlair,
Is làrach tigh mo sheanmhar.
Gun robh mi uair dhe’n t-saoghal,
’S, a Righ, gur beag a shaoil leam,
Gum biodh e ’n diugh fo chaoirich,
’S na daoin a bh’ann air falbh as.
Ach choinnich mi ri càirdean,
Is muinntir a rinn bàigh rium,
’S a’ ghleann an robh mi tàmh,
’S gum bu chàirdeil sinn mu’n anmoch.
Bha Uilleam Mac-’ill-Leòra,
Is Ian beag an t-òigear,
Le’n teaghlaichean cho òrdail,
Nach dean mi’n corr a sheanchus,
Beannachd leis a’ chòmhlan,
Dha’n d’rinn mi nise ’n t-òran—
’S ma bhitheas neach ga fheòraich
’S e Dòmhnullach is ainm dhomh.
title | Turus Do’n Eilean Sgiathanach |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |