ORAN DO LINA ROS,
Caileag og, ghrinn—dara nighean Lachlainn Rois, Fear an Tigh-osda ann am Port-righ—a rinn cairdeas agus caoimhneas ris a Bhana-Bhard agus i air an tigh a ruigheachd fuar, airtneulach, sgìth.
AIR FONN:— “Tha mi ga m’ phianadh ag iarraidh chaileagan.”
’S, a Lìna bhoidheach,
Is mòdhar cleachdainnean,
Nan sùilean miògach,
’S nam mìn-ghruaidh sneachdanach;
Bean do chéille,
Is d’ aois a réir sin,
Am measg nan céudan,
Cha léir ri ’m faicinn iad.
Thaobh call a’ cheannaird,
Chaidh cainnt thar cleachdamh oirnn,
’N uair sgaoil an snaoim,
Bha cho teann gu pearsanta;
Ach aig Righ nan Sluagh
Chan ’eil nì air thuaiream,
Tha ’m Bàs gun truas,
’S cha teid ’uair a sheachnadh leinn.
Ach co a’ mhàthair
A dh’ àraich achlasan,
Nach tugadh gradh dha
’S gach ait am faic iad e,
Air son a chéutaibh
’S a ghradh d’ a chéile
’S nach d’ thug e té eil’
Thoirt béum’ d’ an t-sliochd aice?
Is mor an sòlas,
Gach dòigh am faicear e,
Mar chum sibh òrdugh,
’S an dòigh na chleachdadh sibh;
Ri aghaidh uaibhreach,
Is sliochd na tuatha,
’S na thig a dh’uaislean,
Air chuairt dha’n acarsaid.
A bhaintighearn fhiachail,[Now Mrs. Todd of Kingsburgh.]
Tha riaghladh thairis oirbh,
A cliù ’s a ciataibh,
Ni ciadan aithris air;
’S ann fhuair i tàlantan
’S ciall a màthar,
’S gur sona ’n sàr,
Bheir air làimh bho’n chlachan i.
Is iomadh truaghan
Le fuachd is acras air,
Dha’n d’ rinn i fuasgladh,
Gun ghruaim, gun airceas oirr’;
Ach dh’ fhalbh an uair sin,
’S tha sinn fo ghruaim,
Ach tha is’ aig suaimhneas,
’S bha duais an tasgaidh dhi.
’S, a Lìna bhoidheach,
Is mòdhar cleachdainnean,
Nan sùilean miògach,
’S nam mìn-ghruaidh sneachdanach;
Bean do chéille,
Is d’ aois a réir sin,
Am measg nan céudan,
Cha léir ri ’m faicinn iad.
title | Oran do Lina Ros |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |