[26]

SORAIDH LEIS A’ BHATA LUATH.

LUINNEAG:–

Soraidh leis a’ bhàta luath,
Dh’ àinmicheadh air Sgeir a’ chuain,
Air do ghillean cha bhiodh gruaim,
’N àm bhith togail suas do sheòl.

Cheathramh dhe na Mhàrt,
Ceithir fichead is a dhà,
ChuireadhSgeir-a’-chuainair sàil,
Leis na sàir nach fannaich fuachd.

’S ’n uair a chuir i sròn ’s a’ chuan,
Bhristeadh botal làn m’ a cluais,
’S ghlaodh na laoich le iolach chruaidh,
SlàinteSgeir-a’-chuain’s Bean Ois.

’S ’n uair a thog i siùil an àird,
’Ghuidh an slùagh a bh’ air an tràigh,
Beannachd leibh ’s ur faicinn slàn,
H-uile làmh airSgeir-a’-chùain. ’”

’S ’n uair a thogadh ri a siùil,
Shuidh an sgiobair air an stiùir,
’S ged a dh’ eirich i na smùid,
Cha robh cùram dhuinn no bròn.


[27]

’S ’n uair a dh’ éirich i na glìnn,
SheòladhSgeir-a’-chuaincho grìnn,
Ris an eal’ air bhàrr nan tònn,
’S cha robh cònn oirr’ aig a luaths.

C’ àite ’m facas deas no tuath,
’Nach do laimhsich tàl no tuadh,
Dheanadh leithidSgeir-a’-chuain,’
H-uile bàll dhi suas g’a seòl.

’S ged tha mi eolach air a’ chuan,
’S air bàtaichean deas is tuath,
Chan fhaca mi gin an Cluaidh,
Rachadh air fuaradh air do shròin.

Olaidh sinn slàinte Bean Ois,
Dh’ altrumais an diùlnach còir,
A chuirSgeir-a’-chùainfo seòl,
’S i gun sgòd oirre fo ’làimh.

titleSoraidh Leis a’ Bhàta Luath
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page