[225]

THA MI SGITH DE LUCHD NA BEURLA.

LUINNEAG:—

Tha mi sgìth de luchd na Béurla;
Tha mi sgìth dhiubh cheart da ríreadh,
’S ann leam fhìn gur fhada ’n céilidh;
Tha mi sgìth de luchd na Béurla.

Chunnaig mise ann am bruadar,
Saighdearan a thigh’nn m’ an cuairt domh,
Captain Boland ’s da mhnaoi uasail,
’S ghabh mi uamhas ’s rinn mi éirigh.

Gur a mise tha fo mhì-ghean,
Bho’n a chuireadh mi an phrìosan,
Bha h-aon-diag a rinn mo dhìteadh,
’S thug iad mo bhìnn anns an éucoir.

Chuir iad mi air leacan fuara,
’S chuir iad bòrd fo m’ cheann mar chluasaig,
’S b’ fhéumail cogais shaor dhomh ’n uair sin;
Chum i suas mi ’s rinn i m’ éideadh.

Bu mhath dhòmhsa mar a thachair,
Nach robh chogais ga mo thacadh,
Sud an ni a chùm an taic rium,
’N uair a thachair dhomh bhi m’ éiginn.


[226]

’N uair thig latha mor a’ chùnntais,
’S a théid gach cogais a dhùsgadh,
Bidh iomadh h-aon is crith na’n glùinean,
Reic an crùn le fianuis bhréige.

Cha do chreid iad air mhodh slàinteil,
Gun robh ac’ anamannan neo-bhàsmhor,
Dh’fhéumas seasamh anns a ghàbhadh,
An a ni E ’n àird a shéudan

Neach a shàraicheas an truaghan,
’S, a bhantrach, nach gabh e truas dith,
Thig an an cluinn an cluas,
A bhinne chruaidh a theid orr’ éigheach.

Thuirt an Ceàrrach rium gu dàna
D’e do bharail air an àite,
’S math an airidh thu bhith tàmh ann,
Nach ’eil nàir ort air son d’éucoir?”

’S ann a labhair mi gu dàna
Chan ’eil agam aobhar-nàire,
Cha do ghoid mi fiach an fhàirdein,
’S cha dean càineadh sion a dh’fhéum duit

’N uair bha Ioseph anns a’ phrìosan,
Bha e foighidneach na ìnntinn,
’S math a thàinig sud gu crìch da,
Fhuair e sìth ri Rìgh na h-Eiphit.

Tha ioghnadh orm ri Bàillidh Simpson,
Nach do chum e dlùth r’ a fhacal,


[227]

’N uair a leig e luchd mo chasaid,
A dhol ga m’ thacadh leis an éucoir.

Ach bha Mammon dlùth dha’n chàirdeas
Le chuid ionmhais anns a’ mhàileid,
’S e gaol nam bonn a reic ar Slànair
’S air a sgàth chaidh mise chéusadh.

’S e thuirt e latha na cùirte
Tha’n uiread s’ agamsa de dh’ughdar;
Cuiribh fiach air ceann nan clùdan,
’S gheobh a’ bhean an rùm gu’m pàidheadh.”

Thuirt Captain Boland ’s e ag éirigh
Ochd puinnd Shasunnach na’n éirig;”
Thuirt m’ fhear-cinnidh fhéin gu h-éudmhor,
’S mise fhéin ni sin a phàidheadh,”

’S ann a chruinnich iad m’ a thimchioll,
Coltach ri sgaoth de na guilbnich,
’S fiach m’ an dean i roinn is tiomnadh
Cuiribh Murachadh as a déighe.”

Tighinn a nuas Sraid a’ Chaisteil,
Shaoil leam gun d’fhailig mo chasan,
’S mur biodh Murachadh rium cho cneasda,
’S ann ’s an Leachdainn [The Lunatic Asylum.] bha mi ’g éirigh.

Gur e fhein an duine dàicheil,
’S gur math is aithne dha àite,


[228]

Ach ’n uair thachras e ri meàirlich,
Gheobh e chàineadh ’s bheir iad béum dha.

’S e cuibhl’ an fhortain a dhol tuaitheal,
A chuir mise anns a’ chruaidh-chàs,
Cha robh aon a ghabhadh truas dhiom,
Oir cha chual iad mu mo dhéighinn.

Ach na’m bithinn na mo dhùthaich,
Far na dh’àraicheadh air tùs mi,
Cha robh Sasunnach fo’n Chrùn,
A dh’ fhaodadh sùil thoirt orm le éucoir.

Gur a mise tha gu cràiteach
Smaointeachadh cor mo chuid phàisdean,
Ach an Ti bho’n d fhuair mi fàbhor
Bheir e’n àird iad ’s cha tig béud orr’.

Bha mi seachd is fichead bliadhna,
Fo éisdeachd an duine dhiadhaidh,
’S ’n uair a thàinig uair mo dhiachainn,
’S ann a dh’fhiach e nach robh féum ann.

’N uair a chuir mi air a thàilleadh,
’S ann a rinn e gu tur m’ àicheadh,
Sud agaibh mar a rinn Pàdruig,
’N uair chaidh an Slànuighear a chéusadh.

’S mise nach do ghabh an t-ioghnadh,
Ri leithid de dhuine gaolach,
’N uair a chreid e bean dhe m’ aois,
A dhol a thaobh cho fad an éucoir.


[229]

Dhol a nàrachadh mo dhaoine,
A chosinn cliù air feadh an t-saoghail,
Air son clùdan a sheann aodach
Tha sin saor dhuibh, ’s deanaibh éisdeachd.

Bu Bhan-Stiùbhartach mo sheanamhair
Dòmhnullaich bho thaobh nan garbh-chrioch,
Bha Clann-Aonghais, ’s cha bu chearbach,
Fhuair iad ainm am Blàr na h-Eiphit.

Tha cuid eile dhiubh na’n sìneadh,
Aig na Sasunnaich le ’m mìorun,
’S e Cuil-fhodair tha mi ’g ìnnseadh,
’S rinn na miltean sin a léughadh.

Tha ar dùthaich air a truailleadh,
Leis a’ghràisg tha tighinn mu thuath oirnn;
Chan ’eil créutair bochd a ghluaiseas,
Nach téid a chuaradh ’s a réubadh.

Cha b’e sud a bha mi faicinn,
Aig na daoine còir’ a chleachd mi,
Ach bhith blàth ann an caidreamh,
’S a bhith cumail taic ri chéile.

Tha iad a nis air am fuadach,
Aig an naimhdean thar nan cuantan,
Chan ’eil géum aig mart air buaile,
’S chan ’eil buachaille na’n déigh ann.

Gum b’iad sud na daoine còire,
S ann na’m measg a gheobht’ a’chòisir,


[230]

Far am b’àbhaist daibh bhi còmhnuidh,
’S ann tha ròidean aig na féidh ann.

Far an robh mòran de dhaoine,
’S ann a tha e ’n diugh fo chaoirich,
Cìobair am mullach gach maoile,
Coin san aonach ’s iad ag éigheach.

Chuala mi gun d’thuirt Bean Bhàlaidh,
Gun robh ’cridhe ’n comhair sgàineadh,
Smaointeachadh nighean Iain Bhàin,
A bhith ga sàrachadh aig béistean.

Na’m biodh Fear Bhàlaidh a làthair,
’S e bhiodh duilich air mo chàramh,
Ach tha cuid dhe’n t-sliochd a dh’fhàg e,
Ghabhas mo làmh ’s a ni féum domh.

Tha iad fhathast air an caomhnadh
Aig bheil cumhachd agus ùghdar
Chumas taice ri ’m bean dùthcha
’S a bheir dùlan do luchd-éucoir

BhaEileanach[The late Dr. Mackenzie of Eileanach, Inverness.] mar bu dual dha,
’S fhuair mi fhéin e na dhuin-uasal
Siol Chlann-Choinnich o’n Taobh-tuath
’S gur math thig suaicheantas an fhéidh da.

Gu bheil Inbhir-Nis na fhiachan,
Bho chionn còrr is fichead bliadhna,


[231]

Is iomadh créutair bochd gun rian
Dha’n d’rinn e dìon an àm am féuma.

Is mise dh’fhaodadh sud a ràdh;
An uair a dh’fhiosraicheadh le cràdh mi,
Cha do thachair fear a bhàigh rium,
Anns an fhàsach fad mo réise.

Tha cuid dha nach aithne ’n àite,
Ghabhas orra dhol ga chàineadh,
Tha iad coltach ri Balàam
Thug an t-asal aithn’ dha eucoir.

’S ann a tha chridhe ga leònadh,
Mar bha Lot ann an Sòdom,
Faicinn aingidheachd na h-òigridh,
A’ deanamh rathaid mhòir dha’n éucoir.

Ach tha na carbadan cho luath,
A ghiùlaineas e thar gach truaighe,
Is chi e fhathast cor nan uaibhreach,
’N uair theid e suas a chum an t-sléibhe.

Far nach inntrig aon truaillidh,
’S a nàimhdean chan fhaod a bhuaireadh,
’N uair a gheobh e stigh dha’n t-suaimhneas,
Dh’ullaicheadh dha’n t-sluagh thug spéis dha.

titleTha mi sgith de luchd na Beurla
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page