[232]

ORAN AN UISGE-BHEATHA.

AIR FONN:— “A Chomuinn Rioghail, Rùnaich.”

A chomuinn rìoghal, rùnaich,
Dha’n duthchas an Taobh Tuath,
Bho’n a rinn sibh cùmhnant,
’S gu bheil sibh air ar cùram,
Ar n-athchuinge ’s ar n-ùrnaigh,
Le dùrachd a dol suas,
’S ma bhios sibh glic, ’s nach gabh sibh misg,
Bheir sud dhuinn misneach bhuan.

’N uair chluinneas sibh an cùmhnaut,
Gur cliuiteach e ri luaidh,
Do’n chuid tha gabhail cùraim,
A shliochd ’s a chlann an dùthcha,
’S ur màthraichean cho ùidheil,
’S iad fad o chùl ur cluas,
Gun teid sibh dhachaidh san àm cheart,
’S ur ciall an taic ri stuaim.

’S ma theid mi dh’ìnnseadh sgéula,
Cha dean mi bréug a luaidh,
Bho’n chuir sibh mi san t-séir,
Mar mhàthair do na céudan,


[233]

A shliochd nam beann ’s nan sléibhtean,
Leis na dh’éirich iomadh buaidh,
Sibh fad o’r dachaidh far na chleachd sibh,
Marbhadh bhreac fo bhruaich,

’S ma theid mi ga ur n-àireamh,
Cha nàrach leam ur luaidh,
Bha Clann-’ic-Rath Chinn-tàil ann,
Clann Mhuirich air an sàil ann,
Clann-Dòmhnuill le laimh-làidir,
Anns na blàir a choisinn buaidh;
Clann-Choinnich mhòralach nan cròc,
’S Clann-Ghriogair, pòr Rob Ruaidh.

Na Ceanadaich, ’s chan àill leam
Am fàgail as mo dhéigh,
’S ged nach ’eil m’ fhuil blàth annt’,
Tha dàimh is ceangal àraidh,
Is dìomhaireachd tre ghràsan,
Nach cuir mi’n dràst an céill,
Bho’n Chaisteal-Ruadh, a chumar suas leam
Fad mo chuairt ’s mo réis.

’S gun soirbhich leis a Chòmhlan,
Dha’n òrdugh a thug géill,
’S a thog an guthan còmhla,
Tre ghràs a bhith ga’n còmhnadh,
Nach faiceamaid ri ’m beò iad,
Na’m pòitearan gun chéill,
A sheasas suas an aghaidh buairidh,
’Ruith le luaths na’n réis.


[234]

Bheir mi comhairl àraidh
Air màthraichean an tréud,
Bhith ’g ùrnaigh ris an Ard-Righ
Gun soillsich is fheàrr oirnn,
’S am faic sinn an deoch làidir,
Fo ar sàiltean anns gach céum,
’S nach bi mic is nigheanan ar gràidh
Na’n creich fo smàig na béist.

Bheir mi comhairl shònraicht’,
Air an òigridh mar an céudn’,
An uair a ni sibh pòsadh,
Gun toir sibh thairis bòidean
Nach toir sibh aite-còmhnuidh
Dha na phòit re fad ur ,
’S nach faic ur sliochd sibh fo na mhisg,
Thoirt misnich dhuibh ’n ur céum.

’S tha deich is fichead bliadhna,
Bho’n a chuir a’ ghrian a cùrrs,
A dol m’ an cuairt san iarmailt,
’S an t-saoghal so ga riaghladh,
Bho’n chaidh mo thigh a lionadh
’S gum b’fhialaidh fear mo rùin;
Ach chum sinn riamh, mar namhaid dian,
’N stubh fiadhaich ud ’s a chùil.

Chaidh na h-earrannan a leanas a chur ris an òran air do’n Bhana-bhàrd tilleadh do’n Eilean Sgiathanach, agus air dol a choimhead uaigh an Urramaich Maighstir Ruairidh Mac-Leòid.


[235]

Mi ’m shuidh’ air leac a’ Bhuachaill
Bho’n d’ fhuair sinn àrach òg,
’S a bheathaich air na cluaintean sinn,
’S cha b’ann le bàrr nan cluaranan,
No moll an déis a bhualadh,
Ghabhas fuadach mar an ceò;
Bidh cuimhn’ air d’ainms’, a Mhaigstir Ruairidh,
Fhad’s bhios buar air lòn.

B’e sud an fhianuis dhìleas,
Nach do dhìobair riamh a thréud;
Is e nach cuireadh clì iad,
Le teagasg fuar gun bhrìgh ann,
Ach mhinicheadh e’n fhìrinn daibh,
’S bu lìobh i tigh’nn o ’bhéul,
’S gun ìnnseadh e dha’n chuid bhiodh clì
Am bìnne mar an céudn’.

’S ged tha mi’n diugh na m’ aonar,
’S mi mar chaora ’n déigh an tréud,
’S gur gann a chithear aodann ann
Dhe’n t-sluagh a bha cho gaolach leam,
’N uair chruinn’cheamaid Di-haoine
Mur bu daonnan as a dhéigh,
’S gur tric a dh’fhalbh sinn fichead mìle,
Dh’éisdeachd brìgh a sgéil.

Na’m biodh a’ chuid a dh’fhàg e
De na bràithrean as a dhéigh
An deicheamh trian cho dàicheil ris
An aghaidh na deoch làidire,


[236]

’S gun duineadh iad am fàrdaichean
Gu bràth air sròin na béist,
Oir thionndaidh esan rian a shluaigh
Gu stuam’ mar bha e fhéin.

A nise tionndaidh’m air mo shàiltean,
’S na fàgam na cinn-iuil,
A’ chuid tha cadal sàmhach,
Agus anamannan neo-bhàsmhor,
Is na mìltean diubh gun àireamh
Dol a bhàn le sruth na grùid,
’S luchd mhionnan ’s misg is bristeadh Sàbaid
Faotainn bàigh na’n cùirt.

Eiribh ’s bithibh dìleas
Le fìrinn anns gach céum,
Is rannsaichibh ur Bìobuil,
Is na geallannan ro phrìseil sin
A thugadh dha ur sinnsireachd,
’S gach lìnn, o’n d’fhuair iad féum
’S ma ni sibh strìth cha teid sibh clì
Tha’n t-slighe dìreach réidh.

Na caidlibh air bhur cluasaig,
’S na biodh suaimhneas air ur gnùis,
’S a leithid a nàmhaid uamhasach
A’ faotainn làmh-an-uachdar oirnn,
Is òrdugh ar cuid uachdaran
’Toirt uainn ar cuid ’s ar cliù,
Is fuil na rìoghachd, le mi-stuaim,
A’ cumail suas a’ Chrúin.


[237]

Nis togaibh suas gu dàicheil,
Bhur sròl ri bàrr nan crann,
Chan ann air a chuan ghàireach,
No’m mullach nam beann arda,
Ach aig ceann gach fàrdaich,
’Cur ur nàmhaid as a’ champ,
Is sgaoilibh suas ur bratach nuadh
Mar shuaicheantas d’ ur clann.

’S gun soirbhich leis na h-àrmuinn,
Dha’n do chuir mi bhàn na rainn,
Tha cumail suas na h-àirce,
Nach leig a chaoidh gu làr i;
Sliochd onarach nan Gàidheal,
A chaidh àrach anns na glìnn,
’S ’n uair bheirear dhachaidh leis a bhàs mi,
Bidh ar n-àl ga sheinn.

titleOran an Uisge Bheatha
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page