[249]

TEAGHLACH RUNACH ALLT-A’-MHUILINN.

LUINNEAG:—

A bhith ga’n cuimhneachadh le mùirne,
Na fir ùra dh’fhalbh air sàile,
’Bhith ga’n cuimhneachadh ’s ga’n iondrainn.

Beannachd uam’ gu Allt-a’-Mhuilinn,
Far na choinnich rium na càirdean,
’S far am faca mi na fiùrain,
Nach do thionndaidh cùl an làmh rium.

Far am faca mi na fiùrain,
Nach do thionndaidh cùl an làmh rium,
Far na thachair rium na diùlnaich,
A rinn tir an dùthchais fhàgail,

Far na thachair rium na diùlnaich,
A rinn tir an dùthchais fhàgail,
Thriall iad a Gleann-Eilg’ an toiseach,
’Dheanamh fortain thar an t-sàile.

Thriall iad a Gleann-Eilg’ an toiseach,
’Dheanamh fortain thar an t-sàile,
S’ gun robh beannachd an luchd-dùthcha,
Anns na siùil an a dh’fhàg iad.


[250]

’S gun robh beannachd an luchd-dùthcha,
Anns na siùil an a dh’fhag iad,
A chuir car de Chuibhl’ an Fhortain,
Leis na nochd na laoich an tàlant.

A chuir car de Chuibhl’ an Fhortain,
Leis na nochd na laoich an tàlant,
Cuimhneachadh nan gillean gaolach,
Thog ’s a shaothraich an deagh mhàthair.

Cuimhneachadh nan gillean gaolach,
Thog ’s a shaothraich an deagh mhàthair,
’S iomadh neach a fhuair cuid oidhche,
Agus caoimhneas riamh na ’m fàrdaich.

’S iomadh neach a fhuair cuid oidhche,
Agus caoimhneas riamh na ’m fàrdaich,
Cuimhneachadh an fhìor dhuin-uasail,
Dh’fhòghlum suas na h-uaislean àluinn.

Cuimhneachadh an fhìor dhuin-uasail,
Dh’fhòghlum suas na h-uaislean àluinn,
Aithnichear iad am measg nan Gàidheal,
A bha riamh a’ triall nan sràidean.

Aithnichear iad am measg nan Gàidheal,
A bha riamh a’ triall nan sràidean,
Aithnichear air an cruth ’s an cainnt
Gur ann ’s na glìnn a chaidh an àrach.

Aithnichear air an cruth ’s an cainnt
Gur ann ’s na glìnn a chaidh an àrach,


[251]

’S bho’n a bhuin sibh riùm cho sìobhalt,
Fàgam beannachd leibh, a chàirdean.

’Bhith ga’n cuimhneachadh ’s ga’n iondrainn,
Na fir ùra dh’fhalbh air sàile,
’Bhith ga’n cuimhneachadh ’s ga’n ionndrain.

titleTeaghlach runach Allt-a’-Mhuilinn
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page