[252]

FAGAIL EILEAN-A’-CHEO.

LUINNEAG:—

Och mar thà mi ’s mi cur mo chùl
Ris an Eilean chùbhr’ anns an robh mi ’m òige;
A’ falbh gu Galldachd a shiubhal chabhsair,
’S cha chluinn mi srann dhe na chainnt bu chòir dhomh.

Gu bheil còrr is da fhichead bliadhna,
Bho’n rinn mi triall as ’chur rian air pòsadh,
’S cha bheag a’ mhiorbhuil gùn thìll mi ’m chiall ann,
’S na fhuair mi riasladh o làmh luchd-fòirneart.

Bha mi tàmh ac’ aig Clach-na-Cùdainn,
Corr ’s leith na h-ùine o’n thugadh treòir dhomh,
’S e’n torran ùrach ’tha dhomh cho cùbhr ann,
Gun tugainn sùil oirre fhads’ bu bheò mi.

Ach dh’aindeoin buairidh is tonnan uaibhreach,
Is iomadh truaigh a tha’n dual dha m’ sheòrsa,
Tha éibhleag uasal na laighe ’n uaigneas,
A chumas suas mi cho fhad’s is beò mi.

Cha robh dualachas aig mo shìnnsir,
Ri tearr no lìth bhith na sgìom ri ’m meoirean,
’S am Bàillidh dìblidh a thug mo bhìnne,
Gum fàg mi dhìleab dha lìnn gu ceòl dhaibh.


[253]

Bha do sheanair na neach cho cianail,
’S a chunn’cas riamh far an robh e ’còmhnuidh,
’S gur mi nach ainmicheadh e na d’fhianuis.
Na’n chùm thu riaghladh rium mar bu chòir dhuit.

Gun robh d’athair na dhuine riaslach,
Na ablach griasaich a’ càradh bhrògan,
’S gur iomadh bliadhna rinn mise dìon da,
Is m’ fhear ga’n dianamh ’s ga’n cur dha’n òrdugh.

Ach ’n uair a thàrladh, o staid cho dìblidh,
Gun d’fhuair thu dìreadh ’s tu strìth ri mòrchuis,
Gun reic thu bhantrach ri luchd a mìoruin,
’S do chreud ag ìnnseadh nach b’e do chòir e.

Ach ’n uair a sheallas mi air gach taobh domh,
’S a chì mi’n taois ’s an robh gaoid is fòtus,
Na bonnaich àluinn air mullach sràide,
Gun gluais e’n t-árdan am fuil Chlann-Dòmhnuill.

’S bho’n a dh’fhiach thu dhomh a leithid a dh’ainneart,
Cha teirig cainnt dhomh air fhad is beò mi,
’S bha’n lot cho ciùrrte ’s nach ’eil e dùnadh,
’S e gràs bheir lùths dhuinn a mùr na feòla.

Cha robh bruachag no lagan luachrach,
No creag uamha ’s an robh mi eòlach,
Nach d’rinn mi chnuasach ’s mo cheann na thuaineil,
’S na deòir le m’ ghruaidhean na’n sruth a’ dòrtadh.

’N uair a chuimhnichinn Maighstir Ruairidh,
Le chomhlan uan ’s a chuid sluaigh na chò-dhail,


[254]

’S mi fhìn cho suaimhneach a ruith m’ an cuairt daibh,
’S an cnoc cho fuar dhomh ri stuadhan reòdhta.

’S ged a tha mi a’ cur mo chùl ris,
’S gum bi mo dhùrachd dha fad is beò mi,
’S na’n gabhainn comhairl o luchd mo dhùthcha,
Cha togainn smuid anns na bailtean-mòra.

Ach ’n uair a ruigeas mi Baile Ghrianaig,
Far ’m bi na siantanan dian a’ dortadh,
Bidh còmhlan rianail de Ghaidheil fhiachail,
Ag innseadh sgiala dhomh ’n Comunn Oisein.

’S ged a dh’fhuadaicheadh sinn o’n dùthaich,
’S an robh sinn mùirneach an tùs ar n-òige,
Gun tog e sunnd uainn am measg nan -Ghall,
Bhith faicinn gnùis ar luchd-iùil is eòlais.

Ach na ’m faigheamaid ar dùrachd
’S a h-uile cùis a bhi mar bu chòir dhi
Ged tha sinn beò ann am measg nan -Ghall
Gun d’rea’dh an ùir oirnn ’san dùthaich eòlaich.

Och mar tha mi ’s mi cur mo chùl,
Ris an Eilean chùbhr anns an robh mi ’m oige,
A falbh gu Galldachd a shiubhal chabhsair,
’S cha chluinn mi srann dhe na chainnt bu chòir dhomh.

titleFagail Eilean-a’-Cheo
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page