DEOCH-SLAINTE CHLUAINIDH.
AIR FONN:— “So Deoch-slàinte Ghàidheil ghasda.”
LUINNEAG:—
Olaidh sinn deoch-slàinte Chluainidh,
Ceann-cinndh nan fìùran duineil,
Chan ’eil Gàidheal a ni a tilleadh,
Fhad’s bhios sileadh air a grùnnd.
Tha mi ’m shuidhe ann am onar
Air mo shàruchadh le fòirneart,
Fhuair na Sasunnaich fo’n spòig mi,
’S chuir iad còmhdach air mo cheann.
Tha mi tòiseachadh ri òran,
Chur an Gàidhlig an òrdugh,
Bho’n chuala mi Clann-an-Tòisich [Anns an àm ’s an do phos Mac-an-Tòisich na Mòighe nach maireann bha e air a ràdh gun d’thug e a bhean as an nead a bu ghloine ann an Albainn. ]
Deanamh bòsda os ar cionn.
Chan fhaigh mi coire gu bràth,
Neach bhith duineil ann na nàdur,
’S bho’n a tha sibh dlùth an càirdeas,
Seasaidh sibh air làraich luim.
C’ àite bheil e ann an Alba,
Ceann-cinnidh a tha cho ainmeil,
Rinn a h-uile ni a dhearbhadh,
A dh’earbsadh riut air muir ’s air tìr.
Fhuair thu urram anns na blàraibh;
Fo do bhrataich gheobht’ an càirdeas;
Chuireadh tu ruaig air an nàmhaid,
Le do stàilinn air a roinn.
’N uair a theid thu ann ad éideadh,
Dol a mach air latha féisde,
Chan fhaicear ann am measg nan céudan,
Fear do chéum ’s do chalpa grìnn.
Tha thu foinnidh, fearail, suairce,
Tha thu iriosal is uasal,
Tha thu bàigheil ris an truaghan,
’S anns an tuasaid cha bu chlì.
Brogan biorach ’s bucail airgid,
Osan geàrr is boineid ghorm ort,
Féile cuaiche, breacan balla-bhreac,
’S claidheamh ’s targaid air do thaobh.
Tha thu fhein agus Sir Pàdruig
Is Sir Coinneach ann an Geàrr-loch,
A’ cur onair air ar n-àbhaist,
’S air a’ chànain a bh’aig Fionn.
Chuir sibh onair air a’ Ghàidhlig,
’S i is sine measg nan cànain,
Oir ’s ann leatha a thuirt Adhamh,
“Cia mar thà thu,” ris a’ mhnaoi.
Chuala sinn an Gàidhlig chòmhnaird,
Air ciad oidhche Féill na Clòimhe,
A bhith cur do chliù an òrdugh,
’S bha sinn pròiseil air a cheann.
Gun deachaidh tu a suas a Lunainn,
’S gun chuir a’ Bhan-righ ort cuireadh,
Ceann-feadhna nan Gàidheal uile,
Fhuair thu urram os an cionn.
’S tu Oisean an deigh na Féinne,
Dhearbh do shìnrsir riamh bhi tréubhach,
Freiceadan Dubh chuir an céill e,
Anns an Eiphit ’s anns an Fhraing.
Cumaibh cuimhn air cliù nan gaisgeach,
Streap a’ chreag aig Gibraltar,
Cur an naimhdean uil’ fo smachd,
Le iomairt ’s casgairte nan lann.
Chaidh sibh a rithisd air sàil uainn,
’S do dheagh mhac na cheannard àraidh,
Chur nan Ashantaich fo smàig,
Is gum bu slàn a thig e nall.
Tha do chinneadh is do chàirdean,
Na bheil fhathast dhiubh a làthair,
Guidh’ gun coisinn thu an làrach,
Mar rinn Dàbhaidh leis an t-sling.
Far na dh’àraicheadh na Gaisgich,
Choisinn cliù air thùs nam baiteal,
’S iad na féidh tha measg nan glacan,
’S luchd nam breacan chan ’eil ann.
Far am biodh na fir a’ mànran,
’S a chloinn-nighean air an àiridh,
Gillean òga ris an àiteach,
’S an cuid màthraichean a’ sniomh.
A’s t-earrach dol an chladach còmhla,
’S anns an t-samhradh buain na mòna,
’S a’ gheamhradh a’ luadh nan clòithean,
’S t-fhoghar cur an eòrna cruinn.
Na’n d’rinn uachdarain is uaislean,
Ri’n cuid daoine mar rinn Cluainidh,
Cha robh ’m fearann ac fo luachair,
’S Bàideanach gun tuath gun nì.
’S iomadh duine còir le làmhchraidh,
A chaoirich ’s a chrodh-laoigh air àiridh,
Tha’n diugh a’ tamh an garraid ghràinnde
’S air an t-sràid a’ dol a dhith,
’N uair tha Cluainidh measg a chàirdean,
Aig a’ Bhealltainn ’s an Fheill-Màrtainn,
Tha chuid tuath a’ faighinn màil da,
’S pailteas fhàgail aig ann cloinn.
’S iomadh maighdean bhanail, shuairce,
Le’n cuid leannan air an guaillean,
Tha air do thalamh-sa gun ghluasad,
’S sinn air fuadach bharr an fhuinn.
Soraidh slàn gu aitreibh Chluainidh,
Bho’n a Bhan-righ gus an truaghan,
Fhuair thu beannachd do chuid tuatha,
Ceann uidhe nan sluagh an sìth.
Gum bu math theid a’ bhliadhn’ ùr dhuit,
Le do chàirdean uile dlùth dhuit,
’S na tha fad air falbh ’s e m’ ùrnaigh,
Righ nan Dùl a bhith ga’n dion.
Leanainn fad air snìomh an t-snàthain,
’G innseadh cliù na fine ’s àirde,
’S chuireadh onair air mo chàirdean,
’N taobh a b’fheàrr dhiom a bhi dhìbh.
Na’m biodh fios ac’ air mo dhòruinn,
S mar rinn Sasunnaich mo leònadh,
Dh’eireadh iad fhéin is Clann-Dòmhnuill,
Thoirt a’ chòmhdach far mo chinn.
title | Deoch-slainte Chluainidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |