OIGHRE CHLUAINIDH,
AN UAIR A CHAIDH A LEON ANN AN ASHANTEE.
LUINNEAG:—
Olaidh sinn deoch-slàint a’ churaidh,
Dhearbh o òige bhith cho duineil,
’S chan ’eil Gàidheal a sheinneas luinneag,
Nach dean d’onair àrd a sheinn.
’N uair a chuala sinn an stòraidh,
Gun deachaidh ’s a’ bhlar do leònadh,
’S iomadh aon a dha fo bhròn,
’S an suil a sileadh dheòir ’s an àm.
Co a’ mhàthair nach toir gaol dhuit,
A chuimhnicheas air do chaonnaig,
Sheas a lìdigeadh nan laoch,
Is d’fhuil a’ taomadh mar an t-allt.
’N uair chaidh sibh air tùs a’ ghàbhaidh,
’N teas a’ chatha mar a b’àbhaist,
’M Freiceadan Dubh le’n cuid stàilinn,
Cur an nàmhaid as an rang.
Chaidh Coomassie na smàla,
’S cha d’fhag sibh clach na làrach,
’S chaidh Righ Coffee chur fo smàig,
’S a chaoidh cha tog e’n àird a cheann.
Ach bheir sinn glòir is cliù gu bràth
Dha’n Ti tha riaghladh tìr is sàile,
A chuir sibh thugainn dhachaidh sàbhailt,
’S a’ bhuaidh-làrach ann ur làimh.
Rinn a’ Bhan-righ chaomh ruibh còmhradh,
’S chuir i onair oirbh le mòrachd,
Mac an athar nach d’rinn fòirneart,
’S nach tug an còir o shluagh le foill.
Tha m’ aona mhac ’s an arm a chòmhnuidh,
A’ dìon ar Rioghachd bho luchd-fòirneart,
’S na’m faighinn gach ni fo m’ òrdugh,
Bhiodh e còmhla riut ’s a’ champ.[Her son was in the 71st, Cluny’s Regiment being the 42nd.]
title | Oighre Chluainidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |