[28]

’NUAIR BHA MI OG.

Moch ’s mi ’g éirigh air bheagan éislein,
Air maidinn Chéitein ’s mi ann an Os,
Bha spréidh ag géumnaich an ceann a chéile,
’S a’ ghrian ag éirigh air Leac an Stòir;
Bha gath a’ bòillsgeadh air slios nam beanntan,
Cur tuar na h-òidhche na dheann fo sgòd,
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannar,
Toirt na mo chuimhne ’n uair bha mi òg.

Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas,
Nach fhaigh mi càinnt gus a chur air dòigh,
Gach car is tionndadh an corp ’s an ìnntinn,
Bho ’n dh’ fhàg mi ’n gleann ’n robh na sùinn gun ghò,
Bha sruth na h-àibhne dol siòs cho tàimhidh,
Is toirm nan allt ’freagar cainnt mo bheòil,
’S an smeòrach bhìnn suidhe seinn air meanglan,
Toirt na mo chuimhne ’n uair bha mi òg.

’N uair bha mi gòrach a’ siubhal mòintich,
’S am fraoch a’ stròiceeadh mo chòta bàn,
Feadh thoman còinnich gun snath’nn a bhrògan,
’S an eigh na còsan air lochan tàimh;


[29]

A’ falbh an aonaich ag iarraidh chaorach,
’S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn,
Gach bòt is pòll agus talamh tòll,
A toirt na mo chuimhne ’n uair bha mi òg.

Toirt na mo chùimhn’ iomadh a rinn mi,
Nach faigh mi ’m bànn gu ceann thàll mo sgeòil,
A’ falbh ’s a’ ghéamhradh gu luaidh is bàinsean,
Gun solus lòinnir ach ceann an fhòid;
Bhiodh òigridh ghréannar ri ceòl is dànnsa,
Ach dh’ fhalbh an t-àm sin ’s tha ’n gleann fo bhròn,
Bha ’n tobht aig Anndra ’s e làn de fheanntaig,
Toirt na mo chuimhne ’n uair bha mi òg.

’Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan,
Far ’n robh mi suaimhneach a’ cuallach bhò,
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach,
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò;
Na raoin ’s na cluaintean fo fhraoch is luachair,
Far ’n tric na bhuaineadh leam sguab is dlògh,
’S na ’m faicinn sluagh agus tighean suas annt’,
Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg.

An uair a dhìrich mi gual an t-Sìthein,
Gun leig mi sgìos dhiom air bruaich an lòin,
Bha buadhan m’ ìnntinn a’ triall le sinteig,
Is sùil mo chìnn faicinn loinn gach pòr;
Bha ’n t-sòbhrach mhin-bhuidh’ ’s am bearnan-brìghde,
An cluaran-riòghail, is lus an òir,
’S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche,
Toirt na mo chuimhne ’n uair bha mi òg.


[30]

’Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh,
’S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl,
’Nuair shéid i ’n dùdach ’s a shìn an ùspairt,
’S a thog i ’cùrsa o Thìr a’ Cheò;
Mo chridhe brùite ’s na deòir le m’ shùilean,
A’ falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl,
Far nach faic mi cluaran no neòinean guanach,
No fraoch no luachair air bruaich no lòn.

title’Nuair Bha Mi Òg
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

notesOnline versions by Alyth McCormack, Donnie Munro, Catherine-Anne MacPhee.
parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page