[264]

LAITHEAN M’OIGE.

LUINNEAG:—

Cuimhneachadh air làithean m’ òige,
’S muladach mi’n diugh ’s mi ’m ònar.

Bho chionn deich is fichead bliadhna,
Bha mise is Catriona còmhla,

’S iomadh car a chaidh dhe’n t-saoghal,
Agus caochladh thainig òirnne,

Bho’n a dhealaicheadh sinn ri chéile,
Fuadach spréidhe far na mointich.

Réiteach aite dha na féidh,
Coin is féudail is luchd-fòirneart.

’N uair a choinnich sinn an Grianaig,
Gum bu mhiorbhuileach a’ chòmhdhail.

Choinnich sinn aig buth Mhic-Aigh,
’S cha bu chrathadh làmh, ach pògan.

Am faithnich thu idir mi, Mhàiri,
’S a liugha tràth a ghabh sinn còmhla?

Bheil cuimhn’ agad an uair a bhà sinn,
Na ar pàisdean ris a’ ghoraich.


[265]

’N uair a bhìomaid air an àiridh
Falach càise ’s a chruaich-mhòna?

Ruith gu Fionnaghail an Dùin
Le lan ar sgùirde dhe gach seòrsa?

Poca mine ’s stocan càil,
Is sguird buntàta dh’ionnsaidh Flòraidh;

Breac a Linne Poll-an-Dòbhrain,
’S ceithreamh òisge air son ròstaidh.

Dh’fhàgteadh sud an Dùn-na-h-uamha,
’S badan luachrach air ga chòmhdach.

’N uair a bha sinn air bheag nàire
’Gabhail fàth air fear na mòintich,

Bhiodh tusa leagail a’ ghàraidh,
’S Gèugo le do shàil le dòirneig,

Mach ri bealach Cnoc-Mhic-Dhiarmaid,
’S cha bhiodh stiall air dhe na chòta,

Dh’iondrainn a bhean bho na bhiadh e,
’S i ga iarraidh feadh na mòintich.

Chual i Gèugo ag éigheach,
Trobhad, éudail, ’s thoir as beò mi.’

“ ‘So obair Màiri is Catrìona;
Chuir iad sìos mi fo mo chròcan.


[266]

“ ‘Ach ma gheobh mi a so sàbhailt
Ni mi’m pàidheadh ma ’s a beò mi.’

“ ‘Mach ri Creagan-na--ruaidhe,
Buain na luachrach ’s iad na’n aònar.

“ ‘Ach ma bhios iad ann le chéile,
Chan ’eil féum domh dol na’n còmhail.

“ ‘Tha Mairi cho lugha ciall,
Is a bha Catriona riamh cho seòlta. ’”

An tus tha so, a Chatriona?—
Cha do liath thu ged a phòs thu;

Ged tha mo cheann-sa cho soilleir
Ri canach goirid na mòintich.

’S cinnteach gur i ghaoth an iar,
Chuir a Ghrianaig thusa chòmhnuidh.

Togail ort a Rudh-na-h-Airde,
’S mise ga d’fhàgail cho dòigheil.”

titleLaithean m’ oige
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page