ORAN LOCH-IALL.
AIR FONN:— “Thug mi gaol do’n fhear bhàn.”
LUINNEAG:—
O tha Camronach Loch-iall,
Cur an sgiala os àird
Gur e frìthean nam fiadh,
Tha cur dion air ar n-àl.
Their gach duine chual an sgial,
Gur beag ciall tha tha na d’ràdh,
Bho nach b’aithne dhuitse trian,
Cor is rian mo luchd-gràidh.
Bhiodh ar nigheanan a’ snìomh,
’Clobhadh lìn, ’s bleith na bràth,
’S beag a shaoileadh iad a chiad
Cleoca stiallach gu’n sgail.
Bhiodh na mnathan ris a’ bhiadh,
’S iad ga riaghladh air càch,
’S ma thig coigreach na’n cuairt—
“Suidh a nuas ris a chlàr.”
’S iomadh duine coir le spréidh,
’S le chuid féudail air blàr,
Chuireadh fad o dhuthaich fhéin,
Air son féidh ’s caoirich bhàn’.
’N uair a sheallas mi m’ an cuairt,
Far ’m bu dual dhomh bhith tàmh,
Chan ’eil àiridh no buail ann
No buachaill ri àl.
’S iomadh mathair a rinn uaill,
Togail suas mic an gràidh,
Ach ’s e th’ aig uaislean an Taoibh-Tuath,
Coin is ruadh-bhuic na’n àit.
Suinn a bhuannaich a’ bhuaidh,
Anns gach cruadal is blàr,
Chuir sibh uainn iad thar chuan,
’S dh’fhas an luachair na’n àit.
Ach sibhs’ tha fuadach ar clann,
As gach gleann an robh’n tàmh,
Ma thig naimhdean a nall,
Thig an ceann dibh gun dàil.
Na tha fuireach dhibh ’s an tìr,
Bithibh dileas a chàch,
Tha mi’n dùil nach tog sibh àrm,
Chur air falbh luchd a mhàil.
Gu bheil cuid a dh’fhuiling diachainn,
Nach fiach sinn’ an tràths’,
An deigh na h-oidhche eirigh grian,
’S teichidh nial as mar sgàil.
Na’n d’fhuair Sasunnaich am miann,
’S Bàillidh cianail gun ghràs,
Chuirteadh mise fad o chian,
Far nach deanainn duibh dàn.
Ach cha d’fhàgadh mi cho dall,
’S cho mi-thaingeil fo làimh
An Tì dh’fhuasgail gach snaoim,
Chuir iad teann air an t-snàth.
Bho’n a chum e rium mo chiall
Fo riaghladh a ghràis,
Bheir mi cliù dha gu siorruidh,
Le striochdadh dha’n àithn’.
title | Oran Loch-iall |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |