[270]

CUMHA NEILL MHIC-DHOMHNUILL, FEAR DHUN-ATHACH.

A mhuinntir Eilean mo ghràidh,
Is fhad o’n a dh’fhag ur glìnn,
’S tha cumail ’n ur cuimhne le bàigh,
Gach cleachdamh a b’àbhaist leinn;
Tha nochd ann an Glaschu nan sràid,
Ann an Talla na Bàn-righ cruinn,
Tha ur cridheachan uile fo phràmh,
M’ an naidheachd tha cràidhteach leinn.

bhliadhna ’s beagan a chòrr,
Bha ar comunn le sòlas cruinn,
’S am fiùran a sheasadh ar còir,
Ceann-suidhe na còisir, leinn;
Ach a nise bho’n dhùineadh a shùil,
’S nach fhaic sinn a ghnùis a chaoidh,
’S e ar comain ar deòir a ruith dlùth,
Le Teaghlach an Uird ’s le chloinn;

’S leis a’ bhaintighearna cheanalta shuairc,
Tha suidh’ air a cluasaig blàth,
Ach ’s e’n le’n do sgaoileadh na duail,
Bha ceangailt cho chruaidh le gràdh;
Gu diomhair a chumas i suas,
Fo nithe cho cruaidh ’s am bàs,


[271]

’S ged a sgaradh do chompanach uait,
’S ann gu oighreachd tha buan ’s is fheàrr.

’S, a mhuinntir Eilean mo ghràidh,
’S ann agaibh tha fàth na caoidh,
Chan ann mar oide neo-thlàth,
No muime nach tàth ri cloinn;
Oir chaill sibh ur caraid a b’fheàrr,
A sheasadh ur càs ’n ur teinn,
’S fhad’s bhios ceò air a’ Chuilionn a’ tàmh
Bidh ’iomradh le gràdh ga sheinn.

A mhuinntir Latharn nan caol,
Tha sibhse maraon ri bròn,
Oir chaill sibh ur caraide gaoil,
A sheasadh gach taobh ur còir;
Bidh iomradh an fhiùrain ga luaidh,
An dùthaich nan cruach ’s nan crann,
Feadh mhaireas an talamh ’s an cuan,
Dun-athach is Cruachan Beann.

titleCumha Neill Mhic-Dhomhnuill
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page