CEATHARNAICH BHEARNARAIDH.
LUINNEAG:—
A dhaoine còire Bheàrnaraidh,
Gun òlar ur deoch-slàinte leam,
’S ged b’ann a dh’fhìon na Spàinte,
Gum pàidh sinn i gun sòradh.
’N uair chuala sinn ur sàrachadh,
Le Bàillidh is le bàirligean,
Ga ’r tionndadh as na fàrdaichean
’S na dh’àraicheadh cho òg sibh.
Ge h-iomadh ùrnaigh uaigneach,
Chuir ur sìnnsre riamh a suas annta,
Gum b’fheàrr le Bàillidh truagh
Bhith ’g éisdeachd nuallaich damh nan cròcan.
’S ma ghabh thu fhéin an t-ùghdaras,
Na daoine còir a sgiùrrsadh as,
Gun toir thu fhathast cùnntas
As do brùidealachd is d’fhòirneart.
Is ged chuir thu na briagan orr’,
Gur daoine fiadhaich diomhain iad,
’S nach faighteadh car de ghniomh asda,
Ach iasgach ’s buain na mòna.
Gun dearbh na Goill ’s na Sasunnaich,
Gur daoine treuna, sgairteil iad,
’S gur beag a dheanadh Machraich,
Ann an glacaibh luchd nan clòth’nean
A shniomhadh dhaibh le ’r màthraichean,
’S an nigheanan ga chàrdadh dhaibh,
’S a dh’fhigheadh anns na fàrdaichean,
’S ga luadh le gàir nan òran.
’N uair chaidh sibh ann an òrdugh,
Le ur camain ’s le ur còtaichean,
Dol suas gu baile Steòrnabhaidh,
Bu bhòidheach leam an còmhlan.
Le piobaire na cheannard oirbh,
A’ seinn a’ chiuil a b’annsa leam,
’S gun d’rinneadh riamh ’s gach aimhreit leibh
Ur nàimhdean chur air fògar,
’N uair rainig sibh an aitreibh,
Gun dh’fhoighneachd Seumas Mathanach,
“Ciod a nise thachair,
’N uair tha luchd nan creach an tòir oirnn?”
Sheas fear a mach ’s a’ champa dhibh,
’S a bhoineid ghorm na laimh aige,
’S le Beurla chruaidh gun mheang,
Gun rinn e cainnt ris mar bu chòir dha:
“Bho’n tha sinn fhìn ’s ar sinnsireachd,
Gun fhiachan no gun chìs oirnn ann,
’S do Bhàillidh dubh le ìnnleachdan,
Ga’r cur a tìr ar n-eòlais;
“Ma dh’ innseas tu gu rianail dhuinn,
An e thu fhéin a dh’iarr air e,
Gun dean sinn mar is miannach leat,
Ma ’s duin’ thu ’s fhiach do chòta.”
“Cha fhreagair dhomh ’n diugh ìnnseadh dhuibh,
Tha ni-eigin de dh’fhiamh orm,
’S sibh coltach ris na Fiantaichean,
Nach strìochd gu’m faigh iad tòrachd.
Na daoine dhearbh ur còraichean,
Mo bheannachd gun robh còmhla ribh,
Na Gàidheil bhochda chòmhnadh
Bho gach fòirneart agus dòruinn.
Beannachd leibh, a chàirdean,
Tha mi toilichte gun d’fhàgadh sibh,
’S nach deach an ruaig mar chàch oirbh,
Le Bàillidh dubh gun tròcair.
Rinneadh na rannan a leanas air cluinntinn do’n Bhana-bhàrd gun robh feadhain a’ cur as leith Iain Dòmhnullaich ann an Steòrnabhadh gur h-e a rinn an t-òran agus a’ faighinn coire dha. Aig iarras caraid, tha a’ Bhana-bhàrd a’ saoradh Iain.
LUINNEAG:—
A Dòmhnullaich urramaich,
Mo leòn ’s mi fo dhuilichinn;
’S o’n leag luchd d’fhuath an spòg ort,
Tha m’ orans’ an urra riut.
Rinn caraide dhomh ìnnseadh,
Gun robh iad ga do dhìteadh,
Ach togaidh mise dhìot e,
’S mi fhìn a rinn uile e.
Tha Clann-ic-Rath Chinn-tàile,
Ro dhuilich air do chàramh,
’S thug fear dhiubh dhomh an àithne,
Nach fàgainn an cunnart thu.
Is o’n is duine còir e,
Le cridhe ’s cuid is eòlas,
Gun cuir mi ann an òrdugh,
An t-òran mar urram ris.
Is o’n a chuir mi m’ ainm ris,
Gum foghainn sud ga dhearbhadh,
’S ma gheobh an Rothach cearb dha,
Theid searmoin is tuilleadh ris.
Chan fhaca mise riamh e,
’S chan aithnichinn ann am bhiadh e,
Ach ’s math a thoill e stialladh,
Le strian, mur biodh cunnart ann,
Bho’n fhuair mi fhìn droch càramh,
Le Sasunnaich is Bàillidh,
Chuir sud mi gus a’ bhàrdaehd,
Le tàmailt na dh’fhuiling mi.
Tha ar dùthaich air a lionadh,
Le Sasunnaich is miolchoin,
’S ma ni na bochdan mianan,
Theid iarunn mu ’m muinealan.
title | Ceatharnaich Bhearnaraidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |