FACAL CRONACHAIDH,
Do dhuine rinn tàir gun aobhar air Mr. Alasdair Domhnullach, ogha an Dotair Bhàin.
Bheir sinn taing dhuit anns a’ Ghaidhlig,
Chuir thu mhàn ‘Fear Miomhail, ’[The traducer’s non de plume.]
Bho’n a’ bhreac thu dhuinn a bhrath,
Gu bleith a’ ghràn nach d’iarr sinn,
Ni sinn bonnach dhuit le bàigh,
Ma ’s e gràdh a bha fo d’sgiathan,
Is mur a h-e gum faigh thu chàth,
Nach cnàmh gun spàirn fo d’fhiacail.
Bho’n bhios tu sgrìobadh mu na clàir,
’S nach sàsaich iad do chìocras,
Bheir sinn cuman duit is spàin,
’S gu leòir de chàl air liath-lus.
Bho’n bhios na luibheannan is fheàrr,
A’ fàs an talamh fiadhaich,
Cha leig sinn leat an ainm nam bàrd,
Le tàir a dhol g’an spionadh.
Am beagan a bh’agad a nàire,
Dh’fhag thu e air diochuimhn,
’N uair a ghabh thu ort a dhànachd,
’Mhapàdh am measg chiadan.
Dhiochuimhnich thu gun robh bhàird,
Chaidh àrach shuas ’s na crìochan,
Nach eisdeadh ogha’n Dotair Bhàin,
Ga chur a mhàn le sìochair.
Bheir mi comhairl ort le bàigh,
M’ an téid thu’n àird an iarmailt,
Nach gabh thu gnothach ris a phàirt,
Nach do chuir le tàir am miar ort;
’S bho’n tha siosar aig na baird,
A ghearras bàrr nan sgiath dhiot,
Gur fhearr dhuit crùpadh air an spàr,
Gu’n tig am bàs ga’n iarraidh—
’S an sin dean do thoil fhéin.
title | Facal Cronachaidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |