[278]

ACHMHASAN BEAG

DO DH’ALASDAIR E FHEIN.

AIR FONN:— “’S e mo laochan an t-Each Odhar.”

’S iongantach leam fhéin do nàdur,
’S gur ogha d’an Dotair Bhàn thu,
’Sabaid ri fir mhòr a’ Bhràighe,
’Fàsgadh asda gamhlais.

Ged a bhruidhinn thu mu’n sgadan,
Cha d’thuirt thu dùrd mu na bhradan,
No na h-eòin a tha ’s an ealtainn,
Ga’n glacadh gun taing dhuinn.

Foighneachd thusa Phàraig Bàn,
’S innsidh e dhuit ann an Gàidhlig,
H-uile bolla de mhin bhàn,
Tha’n dàil orra bho Chaingis.

Chuir mise fios guClach-na-Cùdainn,’
’S foighneachaidh e’n Ionarùraidh,
’S ’n uair a thilleas iad ga ionnsaidh,
An cunntas bidh meall ann.


[279]

’N uair thig fios o fhear nan lìon,
Tha cumail riutha ’n uidheam iasgaich,
H-uile not a th’ orra dh’fhiachan,
Fiach an dean thu’n cunntas.

Smaoinicheadh gach bolla mine,
Rinneadh a bhleith anns a’ mhuileann,
Bho chionn fichead bhliadhna ’s tuilleadh,
’S furasda ri chùnntas.

Chan ’eil bàillidh anns an t-Siorrachd,
Chuireas sgleò air sùil an t-Siorraim,
’S lagh na firinn air a bhilean,
’S sgìl aige g’a roinn da.

titleAchmhasan Beag do dh’ Alastair
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page