ORAN LEANNANACHD.
LUINNEAG:—
Mo nighean dubh cha tréig mi,
’S cha dealaich mi ri m’ éudail,
Gu’m faigh mi bho na chléir thu,
Bho’n thug mi fhéin mo ghealladh dhuit.
Bho’n chunnaic mi thu ’m bruadar,
Am chadal air mo chluasaig,
Is ged nach creid thu uam e,
’S i ’n uaigh a ni ar dealachadh.
’S ged gheobhainn te le stòras,
Crodh is laoigh air mòintich,
Gum b’fhearr leam as do chòt thu,
’S chan iarrainn òr no earras leat.
Bha cuid nach dean mi ìnnseadh,
A’ fèuchainn ri do dhìteadh,
’S a dh’aindeoin an cuid mì-ruin,
Tha m’ ìnntinn-sa fallain duit.
Tha h-uile maise dh’iarrainn,
Na d’chleachdamh is na d’iomhaigh,
’S gur math a ni thu snìomh,
Agus gniomh air a’ chalanas.
Cha toigh leam bhith ri bòilich,
Mar chuid a’ deanamh bòsda,
Oir dearbhaidh do luchd-eòlais,
Nach mòr a bheireadh barrachd ort.
’S ged tha thu fada uam
Ann an Glaschu mor nan stuadhan,
Cha taobh mi ri te fhuadain,
Ge truagh aig a’ bhaile mi.
Gur mise tha gu cianail,
’S gach latha leam mar bhliadhna,
Gu’m faigh mi’n tìm a dhianamh,
’S coi-lionaidh mi’n gealladh dhuit.
’S ’n uair a thig an geamhradh,
Is tìm nan luadh ’s nam bainnsean,
Gun cuir mi’ ortsa snaim,
’S cha dean naimhdean ar dealachadh.
FREAGAIRT.
LUINNEAG:—
An gille donn cha tréig mi,
’S fear eile chaoidh chan éisd mi,
Oir b’fhearr leam as do léin thu,
Na céudan le amadan.
’S ma chumas tu rium fìrinn,
’S gum bi thu chaoidh dhomh dìleas,
Ged gheobhainn fear le mìltean,
Cha dìbir mi’n gealladh dhuit.
’S ma thachras sin gu bràth,
Gur a mise gheobh air làimh thu,
Ma chumas tu do shlàinte,
Chan fhàilig an t-aran domh.
Is ged a tha mi’n dràsta,
An Glaschu mor nan sràidean,
Gum b’fhearr leam bhith air àiridh,
A’ tàmh aig a’ bhaile leat.
’N uair sheallas mi m’ an cuairt domh,
’S ann tha mi gabhail uamhais,
Cuid mhor dhe na tha shluagh ann,
Cho cuagach ri camanan.
Chan fhios domh ciod a rinn e,
Cha d’rinn mi riamh dhuibh fhoighneachd,
Mur e dol suas an staidhre,
No’n roinn tha fo’n talamh dhiubh.
Ach ma thachras na ar n-aonadh,
Ar teaghlach a bhith sgaoileadh,
Ma thogar iad san aonach,
Bidh saors agus anail ac’.
Beannachd leis a’ chòmhlan,
Dha’n d’rinn mi nise ’n t-òran,
An Catabh tha luchd-eòlais
An òigeir ’s na h-ainnir ud.
’S gur iomadh duine còir,
Th’ aig Diuc Chatabh air a dhòigh ann,
Bheireadh mult bhar mòintich,
Gu’n ròst air a’ bhanais dhaibh.
Na saoilibh mi bhith gorach,
Bho’n tha mi deanamh òran,
Oir bheir iad saorsa mhòr dhuinn,
Bho dhòruinn ’s bho anshocair.
title | Oran leannanachd |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |