MARBHRANN DO DHR. NEACAL MARTAINN, HUSABOST.
AIR FONN:— “Och nan och is och mo leòn.”
Chan iongantach dhomh bhith ri bròn,
’S léigh mo ghaoil an diugh fo’n fhòid,
Is tric a leighis creuchd is leòn,
’Thug iomadh bòid nach b’aithne dhaibh.
Is ann ’s a’ choill a chinn na sàir,
Dh’fhas gun ghiomh o bhonn gu bàrr,
Thuit a’ chraobh bha cian fo bhlàth,
Le àithn an Tì thug beatha dhi.
’N uair chuimhnich mi gach sean is òg,
Sgaradh uam a tìr nam beò,
Am measg air son a shil mo dheòir,
Bu math mo chòir an latha sin.
’N uair chunnaic mi do dhuslach fuar,
Seachad air mo dhorus shuas,
Is iomadh smaointe shean is nuadh,
A ghluais e suas an latha sin.
Bu tu caraide mo ghràidh,
Is tu nach glaiseadh orm do làmh,
Is iomadh neach a fhuair a làn,
Is b’e d’àithne dhaibh gun labhairt air.
Cha b’ann mar chuid a dèanamh uaill,
Seinn an trompaid deas is tuath,
B’e mhèinn bha riamh ri friamh do shluaigh,
Nach cluinnteadh fuaim le’n caranntas.
Bu tu lighiche nam buadh,
Ged fhuair thu sgil cha d’rinn thu uaill,
Is dh’fhag thu d’eachdraidh thall air chuan,
Am measg an t-sluaigh, bhios maireannach.
B’òg a dh’fhàg thu tìr do ghaoil,
Nan creag, nan loch, nam beann, ’s an fhraoich,
’S an uair a chruinnich thu do mhaoin,
Gu d’dhaoine thìll thu thairis leis.
Bu tu’n diùlnach duineil, cruaidh,
Mar an leòghann anns an ruaig,
’S am measg do chàirdean mar an t-uan,
’S gu’n dhearbh thu bhuaidh m’ an dhealaich sibh.
Dh’fhag thu d’oighreachd aig an t-sàr,
C’ àite ’m faight’ a sheis air blàr,
Mac na màthar ’s an robh bhàigh,
’S a dh’fhag dha h-àl gun cheannach e.
Fhad ’s a bhuaileas tonn air tràigh,
Sìobain air na beanntan àrd,
Cumar cuimhn air cliù nan sàr,
Chaidh àrach ann an Sgoire-breac.
Soirbheachadh le clann mo ghaoil,
Meadhan latha, òige, ’s aois,
Is fasadh meanglan air gach craoibh,
A lìonas raon an aithrichean.
Chan iongantach dhomh bhith ri bròn,
’S léigh mo ghaoil an diugh fo’n fhòid,
Is tric a leighis créuchd is leòn,
’Thug iomadh bòid nach b’aithne dhaibh.
title | Marbhrann do Dhr. Neacal Martainn |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |