[289]

COINNE NAN GAIDHEAL ANN AN GLASCHU.

AIR FONN:— “Ged tha mi gun chrodh gun aighean.”

LUINNEAG:—

Gur a h-e mo ghaol an comunn,
Clann nan Gàidheal air an oiribh,
’S Blackie gléusd air ceann na coinne,
Ann an Talla na Ban-rìgh.

’S ann o’n chaidh mi fhìn a leònadh,
’S nach mor nach do mharbh iad beò mi,
Thoisich mi air dèanamh òran,
Gus mo bhròn a chumail shìos.

Shaoil leam fhìn gun robh mi gòrach,
’N uair a shìn mi air na h-òrain,
Ach thug Blackie misneachd mhòr dhomh,
Gur h-e th’annta ceòl le brìgh.

Thug e comhairlean ro àraidh,
Sinn a chumail suas na Gàidhlig,
Oir ’s ann leatha labhair Adhamh
Anns a’ ghàradh ris a mhnaoi.


[290]

A mhàthraichean na deanaibh dearmad,
Air a’ chainnt a’ bh’aig ur seanmhair,
’S ionnsaichibh i dha ur leanaban,
’N uair a dh’fhalbhas iad o’n chìch.

Choinnich mi ri sia ciad diag dhiubh,
Cruinneachadh an tùs na bliadhna,
Cumail cuimhne mar a b’fhiach dhaibh,
Air gach riaghailt bha na’n tìr.

Ged a tha sibh fad o ’r n-àite,
’S o na glinn ’s an deach ur n-àrach,
Faithn’chidh mi sibh air na sràidean,
Measg nan gàrrlach truagh gun chlìd.

’S a’ chuid agaibh tha beag ’n ur stàide,
Tha sibh rioghail na bhur nàdur,
Air na goill gun toir sibh bàrr,
Le ciall is tàlantan ur cìnn.

Gur a h-e mo ghaol an comunn,
Clann nan Gàidheal air an oiribh,
’S Blackie gléusd air ceann na coinne,
Ann an Talla na Ban-rìgh.

titleCoinne nan Gaidheal ann an Glaschu
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page