BREACAN MAIRI UISDEIN
(AIR SUIDHEACHADH UR.)
FONN:–
Am breacan bòidheach, fasanta,
Nach faighear anns na bùithean;
Tha geal, is gorm, is sgàrlaid,
Ann am breacan Màiri Uisdein.
Ged tha mo ghuth air fàilneachadh,
’S cho fad o ’n dh’ fhàg mi ’n duthaich,
Gun cuir mi rànn ’s a’ Ghàidhlig dhuibh,
Air breacan Màiri Uisdein.
’N uair bha mi ris a’ bhuachailleachd,
Air lòin is cluain mo dhùthcha,
Bhiodh brat’ a’ cumail blàiths orm,
De bhreacan Màiri Uisdein.
’S nuair thàinig mi do Ghlaschu,
’N duil ri fhaicinn anns na bùithean,
Chan fhaighear lèud mo dheàrna ann,
De bhreacan Màiri Uisdein,
Tha mi ’nochd am measg nan Gàidheal,
M’ aigne blàth air taobh mo dhùthcha,
’S gun toir mi comhairl’ àraidh dhuibh,
Mu bhreacan Màiri Uisdein.
Cuiribh onair air na h-àrmuinn,
Anns na blàir a choisinn cliù dhuibh,
’S biodh féile ’s osain gheàrr agaibh,
De bhreacan Màiri Uisdein.
Nuair chì mi sgolb de Shasunnach,
Le ’fhéile glas m’ a ghlùinean,
Gun gluais e m’ fhuil le tàmailte,
Mu bhreacan Màiri Uisdein,
’N uair chuimhn’ cheas mi air ‘Wallace,’
Air Rob Ruadh agus air Dùghlas,
A dhìon ar tìr o thràillealachd,
Fo bhreacan Màiri Uisdein.
Cuimhnichibh air Inkerman,
’S a’ mhisneach bh’ aig na fiùrain,
’S mar làimhsich iad an stàilinnean,
Fo bhreacan Màiri Uisdein.
Thug Cailean Càimbeul àithne dhaibh,
Nach fàgadh e air cùl iad,
Aig bruthach Bhalaclàva,
Suas fo bhreacan Màiri Uisdein,
’S e boineidean an t-òrdugh,
Thug an còirneal do na diùlnaich,
’S chaidh Russianaich a smàladh,
Le luchd-bhreacan Màiri Uisdein.
’N uair dhìrich iad gun theàrnaich iad,
Mar b’ àbhaist d’ an luchd-dùthcha;
Bha ciadan marbh ’s an àrfhaich,
Le luchd-bhreacan Màiri Uisdein.
Nis dearbhaibh gur-a Gàidheil sibh,
Is smior is cnàimh ur dùthcha,
’S tha fhathast clòimh is càrdan innt’,
Ni breacan Màiri Uisdein.
Chan eagal thaobh luchd-ceàirde dhuinn,
Tha tàillearan ’s gach dùthaich,
’S tha bean ann an Gleann Bheàrnasdail,
Ni breacan Màiri Uisdein.
Gun snìomh i e ’s gun càrd i e,
Is sgàrlaid chur ’s an dlù aige,
’S tha beairt ’s a’ h-uile càil aice,
Do bhreacan Màiri Uisdein.
Tha iomadh dhe ar càirdean,
A bheir tlàm dhuinn feadh na dùthcha,
Gum faigh sinn clòimh Austràlia,
Ni breacan Màiri Uisdein.
Chan ’eil an diugh ri fhaicinn,
Anns na glacan no air dùthaich,
Ach guilbnich lom’ de Shasunnaich,
Gun bhreacan Màiri Uisdein.
Tha néul is tuar an acrais orr’,
Gun chreach iad sinn ’s an dùthaich,
’S gun itheadh fear de mhairt-fheoil dhiubh,
Na shacaicheadh Mac-Crùislig.
Ma tha neach a’ so á Beàrnasdail,
A Càrabost no Uige,
Do ’m b’ aithne Maighstir Ruairidh riamh,
No chual e bho ’n a’ chùbaid,
Bhur beatha, ’s cuiream fàilt’ oirbh,
Mo làmh gun toir mi cliù dhuibh,
’S gun toir mi fhathast gàir’ oirbh,
Mu bhreacan Màiri Uisdein.
Nis oidhche mhàth, a chàirdean, leibh,
’S muc shàillte na bliadhn’ ùire,
Biodh pailteas crathadh làmh againn,
Fo bhreacan Màiri Uisdein.
’S an uair a theid ceann-finid air,
Bidh mìltean a’ toirt cliù dhuinn,
Chan fhaic iad air na sràidean,
Leithid breacan Màiri Uisdein.
title | Breacan Màiri Uisdein |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |