[295]

IARGUIN NA BHA.

Gu bheil mulad, tha mulad,
Tha mulad ga m’ chràdh,
Tha lionn-dubh ga mo phianadh,
’S mi ri iarguin na bhà.

Tha lionn-dubh ga mo phianadh,
’S mi ri iarguin na bhà,
Gu bheil deich bliadhna fichead,
A nise ’s a dhà:

Gu bheil deich bliadhna fichead,
A nise ’s a dha,
Bho’n a dh’fhag mi mo dhùthaich,
Agus cùl nam beann àrd’.

Bho’n a dh’fhag mi mo dhuthaich,
Agus cùl nan beann àrd’,
’S bho nach cuala mi chuthag,
Ann am bruthach nan àrd.

Bho nach cuala mi chuthag,
Ann am bruthach nan àrd,
’S bho nach cuala mi nuallan,
Mairt ghuaillinn ri h-àl.


[296]

Bho nach cuala mi nuallan,
Mairt ghuaillinn ri h-àl,
’S bho nach fhaca mi buarach,
Aig gruagaich na làimh.

Bho nach fhaca mi buarach,
Aig gruagaich na làimh,
Gus na dh’fhalbh mi Di-luain,
Agus cuaille na m’ làimh.

Gus na dh’fhalbh mi Di-luain,
Agus cuaille na m’ làimh,
Leis na baintighearnan steòrnail,
Dhe na Leòdaich is fheàrr.

Leis na baintighearnan steòrnail,
Dhe na Leòdaich is fhearr,
A tha ’m Mug’stad nan ròiseal,
’S an robh Flòraidh a’ tàmh.

A tha ’m Mug’stad nan ròiseal,
’S an robh Flòraidh a’ tàmh,
’S far an d’ thainig am Prionnsa
’S a luchd-diombaidh ri shàil.

Far an d’thainig am Prionnsa,
’S a luchd-diombaidh ri shàil,
’S bha mi danns anns an rùm
’S an robh ’m fiùran a’ tàmh.

Bha mi danns anns an rùm
’S an robh ’m fiùran a’ tàmh,


[297]

’S gille-Calum cho sùrdail,
’S mi cur smùid as an làr.

Gille-Calum cho sùrdail,
’S mi cur smùid as an làr,
Ach tha ’n drasta trom mhulad,
Tha mulad ga m’ chràdh.

Tha’n drasta trom mhulad,
Tha mulad ga m’ chràdh,
Tha lionn-dubh ga mo lionadh,
’S mi ri iarguin na bhà.

titleIarguin na bha
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page