POSADH NIGHEAN CHLUAINIDH.
AIR FONN:— “Faillirinn, illirinn.”
LUINNEAG:—
Air fàillirinn, ìllirinn, ùillirinn, ó
Air fàillirinn, ìllirinn, ùillirinn, ó
Air fàillirinn, ìllirinn, ùillirinn, ó
Soraidh slàn leis a’ chomunn dha’n onair Fitzroy.
Gur ann toiseach a’ gheamhraidh,
’N uair thionndaidh am fuachd,
A chuala mi ’n trompaid,
Ga seirm ’s an Taobh-Tuath;
’S bha gach aon rium a’ foighneachd,
Le aoibhneas is uaill—
“An cual thu mu ’n chàraid,
Tha ’m Bàideineach shuas?”
Ged is aon mi tha ’m ònar,
’S mi ’n comhnaidh fo ghruainn,
’S mo chridh air a leònadh,
Le foirneart an t-sluaigh,
Ghluais m’ aigne le sòlas,
’S chaidh bròn air an ruaig,
’N uair bha Liusaidh ’s Fitzroy,
Air am pòsadh le buaidh.
Thug thu ubhal ro àluinn,
A bhàn dhe na chraoibh,
Bha friamhan cho làidir,
’S nach fàilig i chaoidh;
A geugan cho cùbhraidh,
A’ lùbadh gach taobh,
Mu Liusaidh ’s Fitzroy,
Bho’n a phòs iad le gaol.
Bho’n fhuair thu air làimh i,
Le bann agus còir,
Le onair is saibhreas,
Is cleamhnas gu leòir;
Tha urnaigh nam bochdan,
Na thochradh na sgòd,
’S leanaidh beannachd an t-sluaigh,
Ri Tigh Chluainidh ’s Fitzroy.
Beannachd d’ athar ’s do mhàthar,
A dh’ àraich thu òg,
Beannachd cinnidh is cairdean,
Is Ard-Righ na Glòir’;
Gun gleidh sibh ’s gach àird,
Ris an càirich sibh seól.
’S leanaidh onair nam Muireach,
Ri Liusaidh ’s Fitzroy.
title | Posadh nighean Chluainidh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |