[311]

DEOCH SLAINTE NA CARAID OIG.

Rinneadh an t-òran so an uair a phòs Mr Bhaltair Mac-Coinnich aon de nigheanan Teaghlach Viewfield, 1880.

AIR FONN:— “Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn.”

LUINNEAG:—

Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn,
Deoch slàinte na càraid óige;
Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn.

Olaidh sinn i anns a’ Ghàidhlig,
Mar thuirt Adhamh r’ a mhnaoi phòsda.

Olaibh slàint an fhior dhuin uasail,
A chuir cruaidh shnaim air an òigridh.

Olaibh slàinte fear na bainnse,
’S tràighibh air gach ceann de ’n bhòrd i.

Olaibh thairis i le dùrachd,
Gus an ruig i cùl na còmhla.

Olamaid slàinte do chéile,
’S cròic an fhéidh an taobh a seòmair.

Bho’n b’ e thoil gun ghabh e fasgadh,
Stigh an achlaisean Chlann-Dòmhnuill.


[312]

’S an achlais Lachainn Oig an Uirde,
’Sheas a dhùthaich mar bu chòir dha.

Ceann nan Sgiathanach an Glaschu,
’Cumail taice riù le stòras.

A sheas cho cliùiteach a chuid tuatha
Aonta bhuan is tighean còmhnuidh.

Olamaid slàinte nan uaislean,
Ann an Eilean uain a’ Cheòtha.

Slàinte nan urrachan mòra,
’Fìor Chlann-Dòmhnuill is na Leòdaich.

’S oghachan an Dotair Bhàin,
Gur iomadh àit an téid ur feòraich.

’S iomadh fear a their ’s a’ Ghàidhlig,
Laoich is càirdean an deagh òlaich.”

Is gheobh sibh òran ’eil o Mhàiri,
Ann an tràth m’ an dean sibh seòladh.

Gheobh sibh beannachd ur luchd-dùthcha,
Agus ùrnaigh ur luchd-eòlais.

Bidh sinn nise a’ co-dhùnadh,
Bho ’n tha ’n ùine beag gu leòir dhuibh.

Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn,
Slainte na càraid òige;
Sud agaibh an deoch a dh’ òlainn.

titleDeoch-slainte na Caraid Oig
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page