MARBHRANN DO MHAIRI NIC-EALAIR,
(MAIRI CHAMARON),
Bana-Ghàidheal bhlàth-chridheach agus Ban-Fhilidh bharraichte, a chaochail ann an Dun-Eideann anns an Fhogharadh 1890. Chaidh a tiodhlacadh ann an Loch-abar a h-oige, a luchd-cinnidh, agus a gaoil.
Och, ochain, a Righ,
Gur sgìth an galar an cràdh,
’S chan ’eil neach air am bì,
Nach saoil gur seachdain gach là.
Tha iomadh ’n ar lìnn,
’S an cìnn a’ cromadh gu lar,
Bho’n dhealaich i ruinn,
’S nach till bean-chomuinn nam bàrd.
Bean-chomuinn nam bàrd,
’S gach ceàrna deas agus tuath;
Bean-chomuinn nam bàrd,
’S a tàlant cuimir gu buan;
Bean-chomuinn nam bàrd,
’S gach àit theid Gàidhlig a luaidh;
A Caraid a b’fheàrr,
Cho tràth ga sgioblachadh uainn!
Tha’n fhìrinn cho fior—
Bheir diachainn cuid gus an ùir,
Le iomadach gniomh
A dh’fhiacht’ a chur air an cliù.
’S iomadh osna o d’chliabh,
Is diar a shil o do shùil,
’M an do choinnich thu trian,
De na liath do chiabhagan dlùth.
Cha bu mhath leam bhith’n còt,
Am bròg, an osan, no’m bréid,
Na chuireadh ort sgleò,
’S an còir dhe leithid ac’ fhéin;
Gum fagamaid dìblidh,
Sìnte ’n comunn nam marbh,
Na chuireadh ort spìd,
No mi-chliù idir air d’ainm.
Bho’n tha onair nam bàrd,
Air fhàgail dhuinne le uaill,
Ga gleidheadh gu bràth,
Cho làn ’s a chumas a’ chuach,
Ged gheobhadh iad tàire,
’S tàmailt iomadach uair,
’N uair thigeadh am bàs,
Rachadh càrn is clach air an uaigh.
Mor bheannachd gu bràth,
Dha na sàir a choisinn a’ bhuaidh,
Rinn d’onair cho àrd,
Ga d’chàramh sìos anns an uaigh.
’N uair dh’éireas tu’n àird,
Air àithne Sagairt-nam-buadh,
Gun seinn thu gu brath,
Le gràdh, aig cathair an Uain.
title | Marbhrann do Mhairi Nic-Eallair |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |