[315]

ORAN DO ALICE NIC-DHOMHNUILL, ANN AN LUNAINN.

Bhan-Domhnullach urramach,
Mo leònsa nach urrainn mi
Do ruigheachd mar a tha mi,
’S mo lamh thoirt le furran
Do’n bhan-Domhnullaich urramaich.

Nuair leughadh dhomh do chòmhradh,
Gu’n d’rinn mu chridhe solas,
Gun robh do leithid beò
Chuir an ordugh cho cuimeir
Mu na Domhnullaich urramach.

Tha t’ainm agam cho muirneach,
’Is piuthar bean an Uird thu,
’S cul taic i air mo chulabh,
’S tha ùin bho’n chunnaic mi
Bhan-Domhnullach urramach.

Taing dhuit ann an Gaidhlig,
Air son an teisd mu’n bhàrdachd,
A chuir thu dh’ionnsaidh Rhadhail,[Ranald W. Macdonald, Assistant Secretary of the Clan Macdonald Society.]
’S do ghradh air na bhuineas,
Dha na Domhullaich urramach.


[316]

Beannachd leat an dràsda,
’S ma chumas sinn ar slàinte,
Gun dean sinn fhathast dàin
Dha na sàir bha cho curanta,
Na Domhnullaich urramach.

Beannachdan bho Rhàdhall,
’S bho ioma dheth do chàirdean
Than ’n Glaschu mor nan sraid,
Far bheil aireamh a’ fuireach
Dhe na Domhnullaich urramach.

titleOran do Alice Nic-Dhomhnuill
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page