FRAOCH, NEONAIN, AGUS SOBHRACH.
Tha sinne falbh an diugh ’n ar triùir,
An co-chuideachd nan stocainean ’s na boineid ùir,
Fraoch, neònain, agus sóbhrach.
FRAOCH.–
Thoir badan dh’ ionnsaidh gach laoich,
Tha cumail cuimhn’ air tìr an gràidh,
Bha siubhal casruisgt’ òg is maoth,
Air feadh nan raon ’s an d’ rinn mi fàs.
NEONAIN.–
Bhuain Màiri mìse ’n dé,
An lagan grianach, fasga’ch,
Ach thuig mi le osna ’s deòir a sùl,
Nach bithinn beò an Glaschu.
AN T-SOBHRACH.–
Tha mise triall an diugh bho m’ dhùthaich,
’S tròm ’s is tùrsach a tha m’ acain,
Ach chan ’eil Gàidheal a chì le shùil mi,
Nach dùraigeadh dhomh pòg le h-aiteas.
Thuirt Màiri ruinn an an glan Ghàidhlig,
’N uair a bha ’dà làmh ’g ar pasgadh,
“Innsibh dhaibh gu bheil mi slàn,
Is beannachd uam gu Gàidheil Ghlaschu.”
title | Fraoch, Neònain agus Sóbhrach |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |