[317]

FAISTNEACHD AGUS BEANNACHD DO NA GAIDHEIL.

Giulain beannachd bliadhn ùire
Do gach taobh ’s a bheil Gàidheil
Do Ghleann-Eilge nam fiùran,
’S gu diulnaich Chinn-tàile.
Hug ó, lathaill ó,
Hug o-ho- ’n àill leibh;
Hug ó, lathaill ó,
Seinn o-ho- ’n àill leibh.

Do Ghleann-Eilge nam fiùran,
’S gu diùlnaich Chinn-tàile,
’S gu Eilean-a- Cheòtha,
’S cha b’ e monar dhomh fhàgail.

Gu Eilean-a- Cheotha,
’S cha b’ e monar dhomh fhàgail;
’S ’n uair bhios mise ’s na bórdaibh,
Bidh mo chòmhradh mar fháistneachd.

’S ’n uair bhios mise ’s na bòrdaibh,
Bidh mo chòmhradh mar fhàistneachd,
’S pillidh gineal na tuatha,
Rinneadh fhuadach thar sàile;


[318]

Pillidh gineal na tuatha,
Rinneadh fhuadach thar sàile;
’S bidh na baigearan uasal,
Air an ruag mar bha iadsan.

Bidh na baigearan uasal,
Air an ruag mar bha iadsan;
Féidh is caoraich ga’n cuibhleadh,
’S bidh na glinn air an àiteach.

Féidh is caoraich ga’n cuibhleadh,
’S bidh na glinn air an àiteach;
Am cur is àm buana,
’S àm duais’ dha na meàirlich.

Am cur is àm buana,
’S àm duais’ dha na meàirlich;
’S theid na tobhtachan fuara,
Thogail suas le ar càirdean.

’S theid na tobhtachan fuara,
Thogail suas le ar càirdean;
’S ’n uair a thilleas a’ Challainn,
Chithear sonas ’s gach àite.

’N uair a thilleas a’ Challainn,
Chithear sonas ’s gach àite;
Seiche chruaidh far na faraidh,
’S suinn le camain ga stràcadh.

Seiche chruadh far na faraidh,
’S suinn le camain ga stràcadh;


[319]

’S cluinnear farum nan duan,
Dol m’ an cuairt mar a b’àbhaist.

Cluinnear farum nan duan,
Dol m’ an cuairt mar a b’àbhaist;
Gille-glais’ aig an dorus,
’S caisean-Callainn na làmhan.

Gille-glais’ aig an dorus,
’S caisean-Callainn na làmhan;
Bean a riarachadh bhannag,
’S i cho geanail mu’n fhardaich.

Bean a’ riarachadh bhannag,
’S i cho geanail mu ’n fhàrdaich;
Criathar mór a’ cur thairis,
Làn a dh’ aran ’s a chàise.

Criathar mór a’ cur thairis,
Lan a dh’aran ’s a chàise;
Fear-an-tighe le searraig,
’S gillean-Callainn ga tràghadh.

Fear-an-tighe le searraig,
’S gillean-Callainn ga tràghadh;
’G òl slàinte nan diùlnach,
Sheas a’ chùlag ga’r teàrnadh.

’G òl slainte nan diùlnach,
Sheas a’ chùlag ga’r teàrnadh;
’S mur a cuir sinnetighi,
Chan e coire nan àrmunn.


[320]

’S mur a cuir sinnetighi,
Chan e coire nan àrmuun
Teàrlach Bàn, is an t-Ollamh,
Stuart-Glennie, ’s Mac-Phàrlain.

Teàrlach Bàn, is an t-Ollamh,
Stuart-Glennie ’s Mac-Phàrlain;
’S m’ am bi bhliadhna air dùnadh
Cha bhi chùis mar a tha i.

Hug ó, lathaill ó,
Hug o-ho- ’n àill leibh;
Hug ó, lathaill ó,
Seinn o-ho- ’n àill leibh.

A’ CHRIOCH.

titleFaistneachd agus Beannachd do na Gaidheil
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page