[57]

XIII

Dom shùilean-sa bu tu Deirdre
s i bòidheach sa bhuaile ghrèine;
bu tu bean Mhic Ghille Bhrìghde
ann an àilleachd a lìthe.
Bu tu nighean bhuidhe Chòrnaig
is Mairearad an Amadain Bhòidhich,
an Una aig Tómas Làidir,
Eimhir Chù-chulainn agus Gràinne,
bu tu nam mìle long,
ùidh nam bàrd is bàs nan sonn,
s bu tu an a thug an fhois
s an t-sìth bho chridhe Uilleim Rois,
an Audiart a bhuair De Born
agus Maebhe nan còrn.

Agus mas eadh is fìor gun dràinig
aon dhiubhsan tàilleachd,
tha fhios gum bann le spiorad gràsmhor
air a dhealbh an aghaidh àlainn.
Agus uime sin bu chòir dhomh
n Dàn Dìreach a chur air dòigh dhut
a ghlacadh gach uile bhòidhchead
a las mac-meanmna na h-Eòrpa.
Bu chòir nochdadhna iomchar
dianas na Spàinne gu h-iomlan,
geur-aigne na Frainge is na Grèige,
ceòl na h-Albanns na h-Èireann.

Bha còir agam gach uile èifeachd
a thug Lochlann is Èire
is Alba àrsaidh do mo dhaoine
a chur cuideachd an caoine
agus an ìobairt don ioghnadh
tha geal dealbhte an clàr taodainn.


[59]

Agus a chionn nach mise aon diubh
Mac Ghille Bhrìghde no Naoise,
Tómas Ua Custuil no MacDhòmhnaill,
Bertrans non t-Amadan Bòidheach,
-chulainn no Fionn mòr no Diarmad – ’s e mo chàs-sa an iargain
a ghabhas spiorad nam bàrd cianail
a ghlacadh anns na ranna pianta,
a thogails a chumail mar a bàill leam
dìreach, cuimir anns an dàn dhut,
sean agus ùr is lànmhor,
cumadh is meanmna gach àilleachd;
còmhla an ìomhaigh an èibhneis,
luathghaireach, domhainn, leugach,
geur-aigne na Frainges na Grèige,
ceòl na h-Albann is na h-Èireann.

titleXIII
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page