[59]

XIV

Reic Anama

Bàrd a’ strì ri càs an t-saoghail,
siùrsachd bhuadhan is an daorsa
leis na mhealladh mòr-roinn dhaoine,
cha mhise fear a chanadh, shaoil leam,
gun tugadh reic an anama faochadh.

Ach thubhairt mi rium fhìn, ’s cha baon-uair,
gun reicinn manam air do ghaol-sa
nam biodh feum air brèig is aomadh.
Thubhairt mi an deifir sin gun smaointinn
gum be an toibheum dubhs an claonadh.

Do mhaitheanas dhomh airson na smuaine
gum bthusa a ghabhadh truaghan
de spiorad beag lag suarach
a ghabhadh reic, eadhon air buadhan
taodainn àlainns do spioraid uallaich.


[61]

Uime sin, their mi rithist, an-dràsta,
gun reicinn manam air do sgàth-sa
uair, aon uair airson tàilleachd
agus uair eile airson aghràis ud,
nach gabhadh tu spiorad reicte tràilleil.

titleXIV – Reic Anama
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page