XV
Trì Slighean
Do Ùisdean MacDhiarmaid
Cha b’ urrainn domhsa cumail fàire
air slighe chumhang nan àrd-bheann
a nochdadh thar cridhe do bhàrdachd:
agus, uime sin, MhicDhiarmaid,
soraidh leat: ach nam bu mhiann leam
b’ urrainn domh an t-slighe chrìon ud,
thioram, ìseal, leantainn tìorail
th’ aig Eliot, Pound agus Auden
MacNeice, is Herbert Read ’s an còmhlan:
b’ urrainn, mur b’ e am fiaradh
a chuireadh ’nam aigne dà bhliadhna
lem dhùthaich fhìn is càs na Spàinnte,
cridhe feargach is nighinn àlainn.
title | XV – Trì Slighean |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |