[71]

XIX

Thug mise dhut biothbhuantachd
is thug thu dhòmhsa?
Cha tug ach saighdean
geura do bhòidhchid.
Thug thu cruaidh shitheadh
is treaghaidh na dòrainn,
domblas an spioraid,
goirt dhrithleann na glòire.

Ma thug mise dhut biothbhuantachd
s tusa thug dhòmhsi;
s tu gheuraich mo spiorad
s chuir an drithleannnam òran;
s ged rinn thu mo mhilleadh
an tuigse na còmhraig,
nam faicinn thu rithist
ghabhainn tuilleadhs an còrr dheth.

Nam faicinn mum choinneamh
air magh Tìr na h-Òige
an dèidh dìochuimhnmo dhragha
clàr foinnidh do bhòidhichid,
bfheàrr leam an siud e
ged thilleadh mo bhreòiteachd,
s na suaimhneas an spioraid
mi rithist bhith leòinte.

A nighean bhuidhe àlainn
s ann shrac thu mo threòir-sa
agus dhfhiaraich mo shlighe
bho shireadh mo thòrachd;
ach ma ruigeas mi màite,
coille àrd luchd nan òran,
s tu grìosach an dàin dhomh,
rinn thu bàrd dhiom le dòrainn.


[73]

Thog mi an calbh seo
air beinn fhalbhaich na tìme
achs esan clach-chuimhne
a bhios suim dheth gu dìlinn,
is ged bhios tusa aig fear-pòsta
is tu gun eòl air mo strì-sa,
s e do ghlòir-sa mo bhàrdachd
an dèidh cnàmhachd do lìthe.

titleXIX
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page