[73]

XX

Nan robh an comas mar a b’ àill leam,
le ealain fuaighte ri mo shàth-ghaol,
chan e naoi deug an àireamh
no a leithid seo de dhàintean
a choisriginn do t’ aodann àlainn
agus dod spiorad uallach gràsmhor.
Chan e ach dàintean sam fuaigheadh
ceòl is caoine is smuaintean
is mac-meanmna ’na mhìorbhail
le dianas grèine ’s iomaluas iarmailt,
ciùin mar chamhanaich na h-oidhche
’s caoin mar bhristeadh latha boillsgeadh
agus ùr mar thoiseach aoibhneis,
dàintean luathghaireach gun shireadh,
doimhne, fìnealta, le mire,
dàintean sam faighte singilt’
buadhan an triùir ’s iad fillte,
dàintean sam faicte chrois
bh’ air Yeats is Blok is Uilleam Ros.

titleXX
internal date1940.5
display date1931–41
publication date2002
level
reference template

MacLean Dàin do Eimhir %p

parent textDàin do Eimhir
<< please select a word
<< please select a page