XXI
Dè dhòmhsa m’ àite
am measg bàird na h-Albann
ged chuireas mi an Gàidhlig
loinn is àilleachd fhalbhach?
Cha tuig thusa mo ghràdh bhuam
no m’ àrdan arraghloir,
a nighean bhuidhe àlainn,
ge tu m’ àilleachd fhalbhach.
title | XXI |
internal date | 1940.5 |
display date | 1931–41 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | MacLean Dàin do Eimhir %p |
parent text | Dàin do Eimhir |